Ball-coise: rinn Inbhir Narann a’ chùis air Inbhir Uaraidh

Feasgair Disathairne 2-1 shuas aig Station Park. Cha bhiodh thu a’ creidsinn gur e 23 puing eadar an dhà sgioba anns an liog na Gaidhealtachd! Tha Inbhir Uaraidh air a bhith nan suidhe aig mullach an liog o cionn fhada ‘s ‘s e sgioba gu math tàlantach a bh’annta ‘s mar sinn bha na luchd-leantainn a bh ‘aca gu math mi-thoilichte leis na cluicheadairean anns na lèintean dearga ‘s dubha. Ach bha e math gan faicinn sa bhaile, tha iad daonnan gu math càirdeil ruinn ann an Inbhir Uairaidh ‘s tha fàilte mhòr gan feitheamh gach turas sa chlub socialite aca. Thàinig barrachd air ceud dhiubh ‘s mar sin beagan airgead nan cois. Stad am bus bh’ aca aig an Legion ‘s ghabh iad drama no dhà roimhe a’ ghèama mar a b’ àbhaist. Chan eil e fada bhon an Legion gu a’ phàirc bhuill-choise.

‘S e feasgar dìreach sgoinneil a bh’ ann a thaobh an ‘Wee County’ mar a chanas sinn sa bhaile. Bha an sgioba ‘s gu h-àraidh na cluicheadairean ùra a cheannaich Les Fridge a’ ruiginn inbhe far a bheil iad comasach an geama a thoirt dhan sgioba sam bith. Gu mi-fhortanach tha sin cho fada air cùlaibh na balach mòr a nis a bhith dèanamh math anns an t-sèasan seo ach cò aig a tha fios – cha chreid mi nach bi club ‘glamour’ eile a bhriseadh a-mach an ath shèasan ‘s bith sinn air a’ mhullach cuideachd leis an leithid Inbhir Uaraidh……
………..Tha mi an dùil tha mi an dòchas……

Cha robh paidh sam bith air fhàgail cuideachd!

Na 'sprinters' mar a chanas iad

Gath Clag said…
'Nach robh Scotrail nas fhearr mus d'thug "First" greim air? Bha e dona, ach cha robh e cho dona ri Scotrail an diugh!'


Chuir sin nam chuimhne a chiad turas a chunnaic mi na ‘sprinters’ mar a chanas iad. Chuir iad air dòigh iad mar dheuchainn air an loidhne eadar Inbhir Nis ‘s Obar Dheathain. Aon latha ghabh mi cuairt faisg an drochaid-rèile a tha os cionn na h-aibhne sa bhaile seo. Gu h-obann chunnaic mi aisling mheatailt airgid na deàrrsadh a’ ruith tarsainn mo shealladh. Dha crogan Tennants air cuibhlichean smaoinich mi, no chaidh rudeigin a theich bhon London Transport. Thàinig ùrachadh oirnn aig an àm ud ‘s cha bhiodh e fada gus am biodh British Rail a’ dol fodha. ‘Those were the days my friends ♪’

A' coimhead air Beinn Uais an dè



A' coimhead air Beinn Uais bhon thoabh a deas.
Bha an dealbh air a thogail le mo chèile Shirley

‘Tha an loidhne dùinte'

Uill dh’ fhàg mi Inbhir Narann mar a b' àbhaist ach stad iad an trean aig Eilginn.
‘Tha an loidhne dùinte, thèid sibh gu Obar Dheathain air a’ bhus.’ Thuirt an geàrd Agus nach robh bus spaideil gam feitheamh ach thuirt an dràibhear:
‘Cha bhi mi a’ draibheadh gu Obar Dheathainn, tha e ro chunnartach a nis.’
Agus an uair sin thuirt Scotrail.
‘Tha an loidhne fosgailte a rithist ach tha an trean seo a’ tilleadh gu dh’ Inbhir Nis ach tha trean eile sa ghàrradh againn ‘s ni am fear sin a’ chùis’
‘Dè an gàrradh tha a sin ge-tà,’ thuirt fear eile, ‘Eilginn no Peairt?’
Bha e fhathast a’ cur an t–sneachd ‘s rinn mi tomhas air an adhartas aig Scotrail ‘s leam mi a-steach an aon trean a bha mi gam fhaicinn.

‘S mar sin tha mi aig an taigh am broinn ‘Teach yourself Gàidhlig’ ‘s ‘Gaelic verbs’ (an leabhar aig Cailean Mark) a’ coimhead air a h-uile càil ‘fulangach.’

Tha ‘Crois a’ Mhargaidh’ againn

Tha ‘Crois a’ Mhargaidh’ againn an seo ann an Inbhir Narann, dìreach taobh a-muigh an taighe cùirte againn. Fhuair sinn mar ghibht bhon righ san siathamh linne deug e. Fhuair an sgìre cumhachd eaconamach às an snaigheadh seo ach an diugh ‘s e Inbhir Nis a tha a’ riaghladh a h-uile càil ‘s thuit na còraichean againn a thaobh a’ mhargaidh san ‘falamhachd’ mar a chanas na fir-lugha.
Tha deasbaid mòr mòr air a bhith leantainn o chion fhada – càite an cuir sinn a’ mhòr-bhùth ùr? ‘S e sin a’ phrìomh amas aig a h-uile chomhairliche anns a’ bhaile. Tha fhios agam gu bheil cruaidh fheum air a leithid ach aig an aon àm, carson nach leig ar ‘Crois a’ Mhargaidh’ tighinn beò a rithist. Saoil air muinntir an sgìre a’ cheannaich deagh bhiadh fhallain bho tuathanaich na sgìre fhèin. Mise nam aisling? Carson? Bhiodh sinn dèante ann an ùine gu math goirid ‘s fada nas fhurasta na gach oidhirp a rinn iad a thaobh tarraing na balaich mòra dhuinn – ‘s cha do nochd Marks is Sparks fhathast!

Rudeigin ùr ‘s rudeigin mìorbhailteach air Yahoo

Thoisich buidhinn ùr san t-saoghal ‘mas-fhìor’ ‘s mar sin tha Gàidhlig a’ faighinn bhrosnachaidh eile air loidhne. Chuir tè ris an canar Ròs Rothach ‘help me learn Gàidhlig’ air dòigh ‘s tha fhathast barrachd air leth-cheud nam buill. Tha iad a’ lorg beagan taic, gu h-àraidh teachdaireachd dà chànanach ma bhios ùine agad. ‘S e seòrsa clas air loidhne na luib cuideachd. Cha chreid mi nach eil e dìreach sgoinneil a bhith faighinn blas den dhealas a tha ga shealltainn san làrach seo.
Gheibh thu ann an seo

Cha do sgrìobh mi dad an dè

Cha do sgrìobh mi dad an dè, dh’ èisd mi a rithist ri Daibhidh Bowie ‘Hunky Dory’. Chuir an ceòl sin nam chuimhne làithean m’ òige.

‘Cluinn sin Raibeart Zimmerman
Sgrìobh mi òran dhut
Mu dheidhinn duine òg neònach ris an canar ‘Dylan’
Le guth mar ghainmheach ‘s ghlaodh’
‘s mar sin air adhart

Thill an t-àm ceart

Thill an t-àm ceart an dè ‘s cha chreid mi nach bi sinn gu tur dòigheil anns a’ bhaile a nis: Bha e air falbh ùine mhòr. Chuir sin seachad cus ùine san staing sin. Chan eil dad ceàrr idir le 2005 a-rithist. Chunnaic mo chàraid na làmhan mòra dubha a’ tionndaidh aig astar uabhasach airson greis ‘s an uair sin thàinig Inbhir Narann a-mach às an ‘temporal distortion' (am fiaradh aimsireil?) a bha a’ cur dragh oirnn.

Fo sgàil an saoghal ‘còig mionaidean gu trì’

Tha tùr air mullach talla a’ bhaile againn ‘s tha gleoc na shealltainn air na ceithir taobhan dheth. Tha an gleoc air a bhriseadh sìos a rithist ‘s chan eil an h-uile càil a faireachdainn ceart gu leòr idir.
Tha e còig mionaidean gu trì eadhon gum biodh thu a’ dol suas an t-sràid àrd dhan stèisean nan trèanaichean aig sia uairean sa mhadainn.
Tha na làrràidhean a’ gluasad tron bhaile faisg air meadhan oidhche ach tha e fhathast ‘còig mionaidean gu trì’. Fàsaidh bùth na tiops trang aig leth uair an dèidh còig ach chan fhaic thu ach ‘còig mionaidean gu trì’ os cionn do cheann. Bidh feadhainn den òigridh a’ dèanamh imrich siud ‘s seo fon t-sùil gheàrr den CCTV ‘s a’ ghleoc ‘còig mionaidean gu trì. Dh’ èigh a mach a’ chorra-ghritheach nuair a lean i na aibhne san dorchadas ‘còig mionaidean gu trì’
Tha e ‘còig mionaidean gu trì ach chan eil e ‘còig mionaidean gu trì’- chan eil an suidheachadh mar bu chòir. Tha e neònach, bidh mi dòigheil nuair a choimheadeas mi a-mach mo dhoras ‘s chi mi nach eil e ‘còig mionaidean gu trì’. Bu chòir dhuinn briseadh a mach a’ chruinne-ce uabhasach seo. Tha sinn a’ fuireach far a bheil sinn, far a bheil ar linne – tha coireachan againn a bhith beò aig an àm seo ‘s chan eil aig ‘còig mionaidean gu trì’

Thachair mi air nighean neònach

Thachair mi air a’ bhlog den ‘Nighean Neònach’ an diugh ‘s abair deagh Ghàidhlig na bhroinn.
Gheibh thu ann tro na ‘ceangalachan’.

Obar Dheathain. Càite a bheil na dèirceachich a-nis?

Chan eil fear aca ri fhaicinn. B’ àbhaist iad a bhith nan suidhe air Sràid an Aonaidh ‘s fiu ‘s air na staidhre shìos dhan stèisean nan trèanaichean. Cha robh teagamh sam bith gun robh a mhòr chuid a bh’ aca a’ lorg airgid airson deoch no drugaichean ach bha feadhainn eile ann an fìor dhroch stad ‘s b’e cùram proifeiseanta a dhìth orra. Chan eil càil a fhios agam de rinn na ùghdarrasan ann an Obar Dheathain. Chan eil e a’ cur dragh orm ma bhios na tràillean drugaichean gan togail a mach bhon àite ach tha mi an dòchas gum bi an fheadhainn eile ann an àite sàbhailte no choireigin.

Tha mi air ais air an trèan

Tha mi air ais air an trèan a h-uile latha gu Obar Dheathain. Tha an trèan a’ fàgail Inbhir Narann aig cairteal an dè sia sa mhadainn ‘s bidh mi ann an Obar Dheathain dà uair a thìde as dèidh sin. S’ àbhaist dhomh a bhith nam shuain chadail cho fada ‘s ri Insch no Inbhir Uaraidh ‘s an uair sin èistidh mi ri Radio na Gaidheal.

An diugh dhùisg mi mar as àbhaist eadar an dhà àite ‘s abair beul an latha os cionn na beanntan den sgìre. Chunnaic mi sgòthan dearga gu pailt a’ streap nas aìrde san iarmailt. Chaidh an talamh gu a gheal reothadh fad na h-oidhche. Chum an trèan oirre tro na seallaidhean Siorrachd Obair Dheathain, gu math na aineolas ris an taisbeanadh a bha roimhe. Bha an luchd-shiubhail mothachail gun robh pìos beag eile den t-slighe aca nas soilleire gach latha. Chuir a’ ghrian fiamh-ghàire orra ‘s ged’ s a bha iad air an slighe chun a’ bhraighdeanas làitheil aca bha faireachdainn dòigheil sna carbadan. Coimhead mi a-mach às an uinneig ‘s smaoinich mi mu dheidhinn a chiad turas an uiridh nuair a shiubhal mi gu Obair Dheathain.

Aon latha aig deireadh an t-Sultain dh'fhàg mi Inbhir Narann aig 0900 sa' mhadainn air an trèan gu Obar Dheathain. Dh' èisd mi ri RNG gus an do ràinig an trèan Eilginn 's an uair sin chaill mi e. Tha cuid anns a' bheachd gu bheil muinntir an àite sin fada an aghaidh Gàidhlig bhon àm a thàinig Alasdair Mòr Mac an Righ sìos bhon Lochandoirbh leis a' cheathairne ghàidheil 's rinn e sgrios air a' bhaile. 'S dòcha gun chuir muinntir Eliginn stad air RNG mar dhìoghaltas?

Chaidh mi dhan taigh beag 's nuair a thill mi phronn mi cas na boireannaich na suidhe air taobh eile a bhùird.
'Sorry', thuirt mise ach chunnaic mi nach robh i glè thoilichte leamsa. An uair sin thuit mi nam chadal. Nam aisling chuala mi Gàidhlig, bha i fada a mach ach dhlùth i orm. Dhùisg mi 's mhothaich mi gu robh na boireannaich a' bruidhinn Gàidhlig air a' fhòn làimh aice. Stad i 's thug i a-mach grunn litrichean le suaicheantas Oilthigh Obar Dheathain am mullach.
Chuir mi cheist oirre sa' Gàidhlig 's mar sin thòisich còmhradh. Bhiodh ise a' tòiseachadh dreuchd aig an Oilthigh mar òraidiche san roinn Cheiltich. 's barrachd air sin, bha a h-uile coltas a bh'ann gum biodh ise gam theagaisg.
'Tha mi an dòchas nach eil do chàs ro ghoirt thuirt mise…'

Tha mi glè toilichte ag ràdh nach do chuir an tubaist sin bacadh orm idir.