Foghlam dà-chànanach - an taca ris a' Bhreatainn Bheag?

Tha mi air a bhith a’ toirt sula air aithisg aig Oifis Publik Ar Brezhoneg – tha i a’ dol ris a’ chanar “L'enseignement bilingue en 2011”

A-nis a chàirdean, seall air an dealbh a tha seo a tha sealltainn dhuinn far a bheil foghlam da-chananach aig ire bun-sgoil ri fhaighinn.
Nan robh a leithid mapa againn ann an Alba de an coltas a bhiodh air? Briog air gach dealbh gus iomhaigh nas motha fhaichinn.

An taca ris a' Bhreatainn Bheag?

A thaobh aireamh chloinne a tha an sas dheth, ‘s e sin 14,000 as aireamh sluaigh de faisg air 4,500,000 Ciamar a tha iad faighinn air adhart an taca ri h-Alba?

An taca ris a' Bhreatainn Bheag?

Rud a chuir iognadh orm ‘s e sin de cho laidir ‘s a bha na figearan ann an Roazhon (‘s e sin Rennes sa chanan eile). Baile gu tur taobh a-muigh na sgirean traidiseanta . A-rithist, nan robh mapa Glaschu , Dun Eideann ri fhaighinn am biodh e cho math ri seo?
An taca ris a' Bhreatainn Bheag?

A-nis seall air ciamar a tha na Basgaich a tha fuireach san Fhraing faighinn air adhart san sgire acasan? 35% de chloinne ann an foghlam da-chananach. Bha fhios agam gu bheil cuisean a' dol gu math san Spàinnt ach tha e math a bhith faicinn na figearan as an Fhraing cuideachd.

An taca ris a' Bhreatainn Bheag?

Nollaig Chridheil agus bliadhna mhath ùr nuair a thig i!