Inbhir Narann fo Thighearnas a’ Co-op

Abair thusa gur e Baile a’ Co-op a th’ann an Inbhir Narann. Bhon a ghabh iad sealbh air Somerfield tha iad air a bhith a’ cur a’ bhathar fhèin am broinn a’ bhùth ud. Cha mhòr nach eil am proiceas sin seachad a-nis. Tha ceithir bùthan Co-op againn sa bhaile a-nis agus smachd orra cuideachd air an stèisean peatrail air taobh an iar a’ bhaile agus tha bathar grosaireachd na chois cuideachd. Tha mòran den bheachd gu bheil prìsean a’ dol an àirde gu math luath anns an togalach far an robh Somerfield  agus gu bheil an Co-op a’ toirt a’ gabhail brath oirnn. Gu h-iongantach tha feadhainn den bheachd gur eadar an dha bhùth aig teas meadhan a bhaile, gheibhear prìsean nas iosal san Somerfiled an taca ris a’ bhùth air a’ phrìomh shràid. Mar a thuirt mi, tha da àite eile aca, ma tha eòlas agad air Inbhir Narainn tha Morning Noon and Night ri fhaighinn aig crois-shlighe Merryton agus Co-op eile ann an Tradespark. ‘S e bùth mor a tha airidh air na seachadan a th’ann an Somerfield agus chan urrainn dhut coltas math a dhèanamh eadar sin agus bùthan mòra ann an Farrais, Eilginn no Inbhir Nis. Tha Fiu ‘s Lidl ri dìg an rathaid taobh a-muigh Farrais nas motha. Chan eil mòran rum a ghluasad san Co-op air a’ phrìomh shràid nas motha. Agus ‘s math nach eil sinn uile feuchainn ri biadh a cheannach as na h-àiteachean seo. Nan robh bhiodh loidhnichean ann dìreach mar a bha iad ri fhaicinn aig am èiginn an Northern Rock. Airson taghadh nas s’ fheàrr airson biadh fhaighinn tha thu buailteach a’ tachairt air do chuid càirdean agus nàbaidhean ann an Tesco Farrais, Inbhir Nis no ASDA ann an Eilginn no grunn àiteachean eile.

A bheil fuasgladh sam bith air faire? Ma dh’fhaoidte gu bheil. A-nis tha sinn a’ feitheamh air co-dhùnadh air rannsachadh poblach a ghabh àite na bu tràithe sa bhliadhna. Tha Sainsbury’s airson faighinn a-steach air larach air taobh an ear a’ bhaile agus iad air 200 dreuchd a’ gealltainn dhuinn. Chuir an co-op na h-aghaidh gu mòr, mòr ge-tà agus bha dh’fhastadh iad luchd lagha agus eòlaichean. ‘S e sabaid cruaidh a bh’ann a’ toirt a-steach iomadh cuspair a’ buntainn ri leasachaidh, dealbhaidh agus cor gnothaichean Inbhir Narann. Chuir Sainsbury agus a’ Co-op uabhas de pàipearan-fianais air adhart fad an rannsachaidh a bha seo. Fada bhon a chunnaic muinntir Inbhir Narann co mheud deiseachan daor spaideil a gluasad nam measg. Chaidh am blàr a chur agus chaidh am blàr a chaill le Sainsbury’s? 

‘S e seòrsa ìoronas a th’ann dhomhsa, nach eil an Co-op a’ dol ris an canar ‘the caring, sharing co-op’ san snìomh aca fhèin? Nuair a thig e gu h-aon agus dha chan eil iad a’ coimhead ach air an son fhein mar a tha iomadach gnìomhachas eile a dh’aindeoin an cuid eachdraidh. Uill chan eil muinntir Inbhir Narann ga thuigsinn idir, seall air Huntlaidh, baile le 4,000 dhaoine an taca le Inbhir Narann le barrachd air 8,000, tha Tesco agus ASDA aca ann an Huntlaidh. A bharrachd air sin tha an Co-op a’ bagradh oirnn. Bu choir dhaibh a bhith dèanamh leasachaidh air a’ bhùth as motha aca fo chùmhnant eadar Roinn na Gàidhealtachd agus Somerfield (nach maireann) ach ma bhios Sainsbury a’ faighinn cead bho Riaghaltas na h-Alba tha iad a’ cumail a-mach nach tèid an leasachadh sin air adhart.

co-dhiù tha an co-dhùnadh bhon rannsachadh phoblach sin air a bhith air deasg Mgr Stiùbhart Stevenson shìos aig Taigh an Roid. A-nis tha dail uabhasach air a bhith ann bhon a ràinig e an deasg ud. Thathar a ràdh sa phàipear naidheachd The Nairnshire Telegraph gu bheil eagal ann gu bheil sin a’ ciallachadh gun deach Sainsbury’s a dhiùltadh. Uill ma tha sin fior abair thusa gum bi mòran den bhaile seo làidir den bheachd gur e sgainneal sa mile bliadhhna ur a bhiodh an siud. An tèid air trèigsinn buileach glan do Thighearnas a’ Co-op?

Am plana leasachaidh air feadh na Gàidhealtachd ga dhubh-chàineadh ann an Inbhir Narann.

‘S e plana aig Comhairle na Gàidhealtachd a tha seo. ‘ S e prìomh amas a’ phlana seo gus cruth a chur air leasachaidh sa Ghàidhealtachd airson an ath 20-40 bliadhna a tha romhainn. Chaidh a dubh chàineadh ann an Inbhir Narann ge-tà. Chaidh aithris de choinneamh Chomhairle Coimhearsnachd ‘Suburban’ Inbhir Narann fhoillseachadh sa Nairnshire Telegraph agus ciamar a bha daoine a-mach air plana ‘do-thuigsinneach’. Seadh tha cainnt nam comhairle gu math doirbh a thuigsinn aig amannan agus ma tha leth-bhreac de ‘Aithisg nam Prìomh Chùisean’ faisg air làimh dhut – gabh air do shocair leis!

Ma dh’fhaoidte chan e ann an Inbhir Narann a-mhàin a tha am plana seo ag adhbharachadh deasbaid teth ach faodar a ràdh chan e deagh chàirdeas san fharsaingeachd a bha eadar muinntir an àite agus a’ chomhairle sa chiad dol a-mach. Gheibhear mòran a tha faicinn na comhairle mar nàmhaid, nàmhaid a tha a’ dèanamh sgrios air goireasan agus dearbh-aithne a’ bhaile againn agus nàmhaid a tha làidir den bheachd chan eil ann an Inbhir Narann ach iomall-baile Inbhir Nis.

Ma thèid am plana seo air adhart mar a tha e an-dràsta bhiodh sluagh Inbhir Narann a’ dol am meud 80% bho seo a-mach gu 2031. A-nis chan eil luchd togail-fianais a’ tuigsinn ciamar ‘s urrainn dhut 5,000 cosnaidh a chruthachadh agus bun structair a chuir air dòigh le togail thaighean a-mhàin. A bheil a’ comhairle den bheachd gun tig a h-uile càil eile sa bhad as dhèidh làimh? Nach e sin ro-innealachd caran cunnartach a tha seo aig na luchd-dealbhachaidh?

Chan e nimbys a th’ ann an muinntir a’ bhaile seo tha làn fhios aca gur e rud deatamach don eaconamaidh a th’ann an leasachaidh. Tha iadsan a’ faighnich ge-tà, carson bu choir don a h-uile càil a bhith mu thimcheall a’ bhaile seo agus carson a tha feum air na bailtean ùra Tornagrain agus Whitness. (nach ann as na seachadhan a tha a leithid smaoineachadh, bailtean ùra msaa?) Nach eil badan eile den Ghàidhealtachd airidh air leasachadh cuideachd?

Tha a’ cho-chomhairle fhathast a’ ruith agus leis a h-uiread dhaoine a tha a’ cur an aghaidh a’ ghnothaich mar a tha e chì sinn dè thachras aig a cheann thall.

Na speuran os cionn Inbhir Narann a-nochd

Brùth air gus dealbh nas motha fhaicinn.
Halò a chàirdean,
'S Fhada bhon a bha mise a' sgrìobhadh sa bhlog a tha seo ach 's e rudeigin a thuirt Tormod còir air program telebhisean a chuir piseach orm. Thuirt e:
'Tha mi fada an comain sgrìobhaidh, mar gum b'e, airson mo bheatha a shàbhaladh. An fhìrinn agam gur e caran melodramatic, nach mi shàbhail o chionn 's gun do thòisich mi a' sgrìobhadh. Comhairlichean do dhuine sam bith a tha deònach peann a chur ri paipear - dèan e! dèan! Chan eil a-màireach air a ghealltainn dhuibh. Toisich an-diugh fhèin.'

Sin thu fhèin Thormaid, gur math a thèid leis an nobhail ùr agaibh. Co-dhiù tha mise direach airson ur aire a thoirt do na sgòthan a chunnaic mi a-nochd. Chuir e nam chuimhne gu laidir ciamar a bha cùisean san dearbh mios ann an 99. Nach e math a bhith beò? Sna laithean seo tha mi buailteach a bhith sgrìobhadh air FnG, 's ann anns an àite ud a tha mòran a' dol ach 's e lan thìde gun do thoisich mi ann a sheo a rithist.


Stad-grian sona dhuibh uile

Shìos aig traig Inbhir Narann an-diugh. Tuilleadh an seo.

Roc Brezhoneg

Tè ris an canar Louise Ebrel air an àrd-urlar leis na Ramoneurs de Menhirs aig leth uair an dèidh còig sa mhadainn. Lath breagha air choireigin 2007.

Roghainn cànain ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Seo againn ceist annabarrach cudromach a chàirdean, nam bheachdsa ceist a tha fada nas cudromach na seiceachan gàidhlig (cha mhòr nach deach seiceachan às an rathad co-dhiù).
Gur math a thèid leis an strì a chuir am buidheann facebook air dòigh gus Gàidhlig faighinn air na h-innealan Markies. Leis a leithid innealan a tha seo tha sinn a’ toirt sùil air an am ri teachd. Seo na tha an t-ar-a-mach teicneolas a' toirt dhuinn. Chì sinn fada a bharrachd den leithid agus innealan eile a bhuaileas air a h-uile pàirt den bheatha àbhaisteach againn. Mura bheil àite don Ghàidhlig an luib an techneòlais ùr tha cunnart ann gun teid i a-mach a shealladh sa bheatha latheil san am ri teachd.

Bu choir do Art Cormaig còir a bhith bualadh air doras Markies cho luath ‘s ghabhas.

@ gunainm 1605 & 1625

A charaid choir,
San dòigh a tha sibh airson mise am fiosrachadh a chuir sibh thugam a dh'fhoillseachadh chan eil mise diofar ann an dòigh sam bith bho na meadhanan eile, feumaidh mi a bhith cinnteach den fhiosrachadh ud. 'S e sin ri ràdh, bhithinn an urra ris agus 's ann air mise a thuiteadh a h-uile càil mur a robh am fiosrachadh buileach ceart. Gu mì-fhortanach chan eil na goireasan no an tide agam gus a h-uile càil a tha sin a rannsachadh. Leis a sin chainninn-sa ma bhios sibh cinnteach (100%) den fhiosrachadh ud cuir an àirde air blog e - cuir nad chuimhne gum feum dearbhadh a bhith agaibh nuair a thig e gu aon 's gu dhà. Faodaidh sibh blog a chruthachadh air blogspot sa bhad.
Gràisg

Mygaelic fhathast.com connspaideach 's ag adhbharachadh deasbaid

Seo na sgrìobh Seon Caimbeul mu a dheidhinn san Albannach am broinn artigail aige a bha a-mach air (Eil BBC Alba fo smachd 'roinnean an t-suarachaidh chultaraich'?) Thuirt Seon coir,

‘Aidh, cumaibh na tha Gaidhealach am falach air eagal 's gun èirich an sluagh le fearg nuair a gheibh iad a-mach dìreach cho binn blasta 's a bha an cànan 's an cultar a chaidh a thoirt air falbh bhuapa. Se sin a' chomhairle a tha Bòrd na Gàidhlig a' leantainn le mygaelic.com, portal ùr na Gàidhlig, mas fhìor, anns nach eil nì sam bith connspaideach ach a' phrìs. Tha coltas air gun deach a dhealbhadh le comataidh de thidsearan sgoile, tha e cho leanabail. Prìomh dhuilleag a-mach air cothroman obrach ann an saoghal na Gàidhlig, le dealbh, chan ann de Ghaidhil ghlan ach de Ghaidhil ghleansach. Ghia ‘…

Ach tha Art ga mholadh ge-tà:

'Ach tha an cathraiche, Art MacCarmaig, deònach a dhol an sàs air loidhne ann an còmhradh ri luchd dèanadais na Gàidhlig – comharradh a tha glè dhòchasach. Tha BnG fiùs air faighinn cuidhteas an companaidh PR Beurla a bha aca agus Ùisdean MacIllinnein a' dèiligeadh ris na meadhanan air an son a-nis.’

Rud inntinneach eile 's e sin na bheachdan a tha tighinn a’ steach dhan duilleig seo, a leithid:

‘Tha puingean math aig an sgriobhadair seo mu cho truagh 's a tha mygaelic.com - 'se cus-naire a tha seo, airson na chosg Bord na Gaidhlig air. Bhiodh e math gu leor airson larach a dheanadh daoine airson mile not. Cha chreid mi nach d'chosg e rud beag a bharrachd. Tha iad a' cosg fortan air sanasachd. Chosg iad fortan air sanasach air busaichean - obraichean sa Ghaidhlig agus rudan - agus ann an aiteachan poblach an uiridh. Tha Bord na Gaidhlig a' tilgeil airgead na Gaidhlig air falbh, air rudan mar seo, nuair a bhiodh e na b'fhearr a chosg air rudan doigheil. Co rinn an co-dhunadh a thaobh mygaelic.com - agus carson a fhuair e 'priority'? Caite a bheil an 'list of priorites' aig Bord na Gaidhlig? Aithnichidh mi aon bhuidhean bheag a chur a-staigh airson taic 2k - agus dh'iult Bord na Gaidhlig cuideachadh a thoirt dhaibh. Ach deonach gu leor an t-airgead a chosg air 'White Elephants' mar mygaelic.com’

agus

'Direach. Eil feum againn air tiurr airgid gus ar canan a cleachadadh? Tha an larach a bheir dhuinn faclair Dwelly na ghoireas air leth. The uiread larach eile ann - blogaichean is eile - nach fhaighn sg'nn ruadh bho BnG. BnG - duisg!’

Gheibhear tuilleadh air larach an Albannach an seo.

Soidhnichean rathaid Gàidhlig - sìth nar linn?

An till Art le deagh naidheachd?

Traigh Inbhir Narann an-diugh aig dol fodha na grèine


Gus dealbh nas motha fhaicinn brùth air!

Deasbad eadar Gràisg agus Art MacCarmaig (no fìor dheagh dhoppelgänger didisteach)

Seo na thachair a-nochd air Fòram na Gàidhlig:

Art:
Hello a h-uile duine. Chan ann tric a bhios mi a' gabhail pàirt ann am fòram den t-seòrsa seo ach tha mi air a bhith a' leughadh nam beachdan mu mygaelic a nochd an dèidh sgeulachd anns a' Sun bho chionn greis. Tha mi nam Chathraiche Eadar-amail air Bòrd na Gàidhlig agus tha mi air freagairtean a chur do chuid de na ceistean a th' air a bhith aig daoine air ForArgyll agus chì sibh iad thall an sin. Chan eil sinne aig Bòrd na Gàidhlig airson dad a chumail falaichte. Cha robh sam amharc againn a-riamh ach cha robh sinn deònach a dhol an-sàs ann an deasbad mas do nochd mygaelic. Leis gun deach a' phròiseact a chur air bhog an diugh, ma tha ceistean a bharrachd agaibh nach deach a fhreagairt fhathast, leig fios.

Gràisg:
Halo agus fàilte ort Art Ceist sam bith ceangailte le obair a' bhùird no dìreach mygaelic.com?

Art:
Tha mise fosgailte do cheist sam bith, a Ghràisg. Mar a bha mi ag ràdh cha bhi mi a' gabhail pàirt sna fòraman seo ro thric ach cuiridh mi sùil bho àm gu àm. Ach tha Bòrd na Gàidhlig deònach gu leòr ceistean a fhreagairt aig àm sam bith air cuspair sam bith co-cheangailte ri ar n-obair.

Gràisg:
ok ma tha a charaid seo ceist dhut agus beagan searmonaich na luib
Bho seo a-mach am biodh am Bòrd deònach a dh’obair leis a’ choimhearsnachd a tha air loidhne mu thràth air proiseactean eile – a leithid eadar-theangachaidh ‘strings’ Abair Thusa agus goireasan eile? Sheall air an Fhòram seo, rinn tè sa Ghearmailt eadar-theangachaidh air cha mhòr a h-uile càil i fhèin agus chuir i an àirde i-fhèin e. . Tha i airidh air moladh bhon bhòrd aig a char as lugha. Seall air an sàr obair a rinn ‘Cadalach’ shìos ann an Manchester le tirnamblog.com agus cha d’fhuair esan facal molaidh bhon bhòrd no bhuidheann Gàidhlig sam bith eile nas motha. An cuir am Bòrd duais bhliadhnal air dòigh airson a leithid sàr obair a rinn ar caraid 'Gun Ghleoc' no Cristean thall aig Abair Thusa no Akerbeltz le d-dwelly? Bu choir don bhòrd a h-uile tàlant a tha sin a thoirt a-steach don ghnothaich nam bheachdsa. Tha daoine deiseil ‘s deònach Art. Dè do bheachd?

Tuilleadh air Fòram na Gàidhlig ann an uine nach bi fada tha mi an dòchas...

Agus a tuilleadh air sin thuirt Art thall aig ForArgyll.com:

'I am all for openness. I agree and yes, we do plan to have the minutes of all our minutes on the Bòrd website, as opposed to the mygaelic one. This is part of a number of developments and improvements within the Bòrd, and while I cannot say for certain when they will be on the site, we fully intend that they will be.'

Sgrìobhadh ùr - An Claigeann aig damien hirst

Tighinn a dh’aithghearr, cruinneachadh a bhios taisbeanadh toradh agus sgilean aon sgrìobhadair air fhichead. Ma bhios sibh a’ toirt sùil gu tric air a’ choimhearsnachd air loidhne bidh thusa eòlach air feadhainn dhiubh mu thràth ach a-nis cothrom an cuid sgrìobhaidh cruthachail leughadh.

Tha sgrìobhadairean stèidhichte mar Alasdair Caimbeul (Alasdair a’ Bhocsair), Màrtainn Mac an t-Saoir agus Catrìona Lexy Caimbeul ann, còmhla ri sgrìobhadairean ùra mar Alison Lang augs Màiri E.NicLeoid. Tha ùghdaran gu tur ùr ri fhaighinn cuideachd, agus tha sgrìobhadairean bho dhùthchannan eile ann; bhon a’ Ghearmailt, na Stàitean agus Iapan. Tha ficsean Gàidhlig a’ tighinn beò. Saoilidh mi gu bi iad ri reic aig Comhlaire nan leabhraichean a’ dh’ aithghearr. Dhomhsa gun teagamh sam bi ’s e Leabhar trì an leabhar as fheàrr agus gu h-àraidh an sgeulachd ‘Tìr nan Còtaichean Geala’- saoil Carson a tha sin? J

Co-dhiù Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach Comhairle nan Leabhraichean.