Ma gheibh thu Pòrno ann an cànain...

Leugh mi rudeigin air an làraich Schottisch-Gaelisch a chuir nam chuimhne rudeigin eile a chuala mi o chionn fhada. Thuirt cuideigin dhomh, ‘ma gheibh thu porn ann an canain tha sin a’ dearbhachadh gu bheil a’ chanain ud beò. Uill gu dearbh tha fianais againn a-nis gu bheil Gàidhlig beò agus a’ breabadh: seo geocities'airmuin' dhut. Gabh air do shocair air na duilleagan a tha seo. Ma tha abairtean ann nach eil thu a’ tuigsinn seo far am faigh thu beagan taic. Taing gu dearbh do ‘Schottisch-Gaelisch’.

A bheil cuimhne agad air 'Can Seo'

Ma dh'fhaoidte nach robh thusa fiù 's beò aig an àm sin ach taing gu Muckapedia seo e dhut.

Àrainneachd agus coimhearsnachd

Ma dh’fhaoidte gum bi fhios agaibh gun deach na planaichean aig Mgr Trump a dhiùltadh an t-seachdain seo chaidh. Bha esan airson roinn goilf a chur taobh a tuath Obar Dheathain le sgeama taigheadais mòr na luib. Chan eil a -ùile càil seachad fhathast ge-tà, tha dùil ann gun feuch e ris a chuid sgeamaichean a chur air dòigh a rithist agus chan eil e gun taic ann an Obar Dheathain ach an turas seo ’s e an luchd togail-fianais a bha soirbheachail, seall air an teachdaireachd a sgrìobh fear aca. Bha an dealbh sin ri fhaicinn san Sunday Times an-diugh agus cha robh sgeul idir air ‘gliocas Fry’ an t-seachdain seo.