Sgrìobh Steafan MacRisnidh thugainn mu dheidheinn ‘Na 'sprinters' mar a chanas iad’

Agus thuirt e na leanas:
'Halò, chleachd mi an trèan o Pheairt gu Inbhir Nis bho chionn ghoirid, agus cha robh e cho dona. Ma 's math mo chuimhne, cha do chuir ScotRail teas gu leòr anns na carbaidean an turas mu dheireadh agus bha e ro fhuar; ach an turas seo, cha robh e cho fuar a-muigh co-dhiù! Ach bha cus daoin' ann bho Inbhir Nis gu Peairt agus cha d' fhuair feadhainn dhuinn suidhe ach san àite eadar na carbadan. 'S e droch rud ge-tà, gu bheil an t-uiread de smachd aig aon bhuidheann air gach seòrsa cùmhdhail a th'againn - eadar busaichean, ' s trèanaichean 's a h-uile sian. Gura math a thèid ort!'

Fhuair sinn ASDL 's an uair sin...

Fhuair sinn ASDL (broadband mar a chanas iad sa Bheurla) ‘s cha robh e doirbh a’ cur air a’ choimpiutair againn. Thog sinn an seòl ‘s chuir sinn a-mach air an eadar-lìn (gu luath). Rinn sinn cùmhnant le companaidh ris an canar Tiscali ‘s bha sinn anns a’ bheachd gun robh dìon-galaran ‘s balla-teine am broinn an aonta sin. Chaidh a h-uile càil ceart gu leòr airson leth-uair a thìde ‘s an uair thàinig tachartasan gu math neònach oirnn. Bha sinn air Google ach mothaich mi ‘side-bar’ nach robh mi eòlach air air an làrach sin. Uill an uair sin thàinig na ‘pop-ups’, bha sinn am measg fìor ghèile nan ‘pop-ups’ Fhuair sin cuireadh airson a’ dol dhan làrach airson geamannan a chluich (chan eil ach £1.50 gach mionaid) agus teachdaireachdan rabhadh bhon siostam ‘windows’ ach cha robh iad bhon siostam againn idir. Thachair e cho luathas a ghabhas: thàinig na galaran ‘s a h-uile càil salach eile a-steach - bha an doras fosgailte.
Chuir mi fon dhan luchd-taic Tiscali ‘s cha robh e fada gus an robh mi bruidhinn le fear anns na h-Innseachan. ‘S e duine snog, fiosraich a bh’ ann ‘s mhìnich e nach robh dìon sam bith taobh a-staigh am ‘Package’ ‘s le ASDL bha e cho furasta a ghabhas a bhith gad leigeil a-steach a h-uile càil cunnartach. Chuir sinn iongantas oirnn, le bharrachd air còig bliadhna air ‘dial-up’ againn gun trioblaid mhòr idir. Ach sin mar a bha e. Bha againn ris a h-uile càil a ghlanadh ‘s thoisich sin a rithist. Chuir sin Norton air cuideachd ‘s thill sinn air loidhne leis a’ phrògram feumail seo a’ sabaid gu sàmhach h-uile mionaid air ar son.

Inbhir Narann Feasgair Disathairne

Fhuair sinn blas àm an t-earraich gu dearbh an deireadh seachdain seo chaidh gus an tàinig a’ cheò madainn La na Sabaid co-dhiù (no an ‘Haar’ mar a chanas iad sa’ Bheurla Inbhir Narainn). Chaidh ar spioradan a thogail ‘s thàinig mòran de lusan a’ chrom-chinn a-mach. Tha fiù ‘s na craobhan-shiris fo bhlàth a-nis. Air feasgair ciùin blàth mar sin chan eil àite nas fheàrr sa bhaile na shìos aig an tràigh.

Am bi ‘Coimisean nan Crìoch’ a’ cur crìoch air Siorrachd Inbhir Narann?

Chaidh aithisg fhoillseachadh an seachdain seo ‘s tha iad (Boundary Commission, mar a chanas iad) a’ moladh gum bu chòir na sgìrean Caladair (Cawdor) ‘s Piperhill bhith gan gearradh às bhon t-Siorrachd Inbhir Narann. Tha mòran dhaoine ann an Inbhir Narann làidir den bheachd gu bheil Inbhir Nis, air dhòigh no dòigh air choireigin, a’ feuchainn a chur smachd oirnn ‘s gum bi deagh naidheachd gu Inbhir Nis anns a’ mholadh seo.
Cha bhi ciall idir ann an ‘An Siorrachd’ gun na sgìrean seo, gu h-àraidh gun Chaladair ‘s a’ chaisteal ainmeil aice. Chan eil iad a chur suim sam bith ri eachdraidh ‘s faireachdainn. Tha fhios agam nach eil ‘An Siorrachd’ air a bhith beò mar sgìrean neo-eisimeileach o chionn fada ach tha i air a bhith beò ris na h-aon crìochan mar sgìre Comhairle na Gaidhealtachd ‘s mar sin tha e air a bhith an aon rud sna inntinn muinntir an àite seo. Ma thèid am moladh air adhart cha bhi air fhàgail den ‘Siorrachd’ ach am paipear-naidheachd an ‘Nairnshire Telegraph’ ‘s ‘Nairn County Football Club’. Thèid ceudan de bhliadhnaichean de thraidisean a thilgeil a-mach air an t-sitig.
Thuirt am Pròbhaist gum bi e a’ sabaid gu làidir na h-aghaidh ‘s tha mi an dòchas gum bi a’ choimhearsnachd gu tur air a chùlaibh, mur a bi, cha bhith e fada gus am bi sinn fo làn smachd ‘Bràthair Mhòir’ Inbhir Nis.

An e an Rock ‘s Roll às ùr a th’ ann an ‘Blogging’?

Leugh mi gu bheil fear-blogger a nis faighinn a-steach de na choinneamhan naidheachd aig an Taigh Gheal. Cluinnidh thu iad bruidhinn mu dheidhinn na blogaichean air a’ BhBC cuideachd. Gun teagamh tha na blogaichean a’ putadh a-steach don mheadhanan traidiseanta.
Am faca tu an ‘Sunday Times’(pìos Ecosse) an Là na Sàbaid seo? Sgrìobh iad mu an deidhinn ‘s bha iad gan tarraing as gu mòr agus ‘s e sin ciamar a tha na pàipearan-naidheachd gan dèiligeadh an diugh ach chan eil sinn ach aig toiseachd tòiseachaidh den ghnothaich ris an canar ‘am Blogosphere’. Am bidh an ‘wood-media’ (mar a chunnaic mi an abairt sin air bhlog eile an diugh) a’ fuiling air an son san àm ri teachd. Cò aig a tha fhios? Tha beachd aig Seoras Bush! Tha fhios aca san taigh gheal cia mheud daoine a tha gan leughadh san latha ‘s a bheil sinn beò.Ma tha greis agad seo làrach ris an canar ‘Scottish Blogs’. Chi thu dè tha dol san Blogosphere na h-Alba ach ma tha thu ag iarraidh Blogaichean Gàidhlig bhiodh thu fada nas s’ fheàrr a bhith leantainn na ceanglaichean air do thaobh deas den dhuilleig seo.

Bha deoch mhòr orra ach cha robh leisgeul sam bith a bh' ann an sin

Ghabh ceithir fir deoch ann an taigh seinnse ann an Inbhir Narann. Thàinig tè a bha eòlach orra a staigh ‘s thuirt i riutha gun tug fear diazepam dhi ‘s a nuair sin rinn e drabastachd oirre. Chuir iad romhpa gun toireadh iad ceartas air. Chaidh iad a-mach an taigh-seinnse ‘s chuir iad an aghaidh air an taigh aige. Bhris iad a-steach an taigh. Bha fhios aig an duine fo amharas dè a bha a’ dol a tachairt ‘s bhachlach e e-fhèin air an làr fad ‘s a bha na buillean a’ tuiteam air. Fhuair e breaban ‘s dòrnan mun chairt a chinn ‘s chaidh a dhroch goirteachadh
Nuair a bha iad deiseil bha comharrachan air a cheann aig b’ e air a bhodhaig a bha an cron na bu miosa. Theich an duine chun nan nàbaidh aige, a’ leigeil fuil gu dona.
Bha e greis san ospadal leis na leòntan a d’ fhuair ach a bharrachd air sinn thug an fiabhras-cleibhe air mar bhuaidh na h-ionnsaigh.
Chaidh an iomairt seo air adhart fo bhuaidh deoch gun teagamh ‘s tha e sealltainn de cho faisg a tha sin uile bho ain-riaghailt nuair a thèid ciall a-mach as an uinneig le deoch.
Chaidh an cur sa phrìosan, dithis aca airson dhà bhliadhna ‘s an dithis eile airson fichead mìosan an urra.
Bha iad 38, 27, 35 ‘s 30 bliadhna a dh’ aois ‘s bidh iad beagan nas sinne nuair a thilleas iad do na sràidean Inbhir Narainn. Cnàmhaidh iad a cìre airson greis ‘s math dh’ fhaoidte an ath turas a thachair rudeigin mar sin bidh iad comasach fuasgladh eile a chur air a’ ghnothaich.
Chuir sin nam chuimhne na ‘Stranglers’ ‘s an t-òran aca ‘No more heroes’ nuair a leugh mi mu a dheidhinn anns an, ‘Press and Journal.’

Uill, chunnaic mi blog eile...

'S anmoch a rinn mi dùsgadh
Uill, chunnaic mi blog eile ach am bu chòir dhuinn ag ràdh ‘leabhar-lìon’
‘S e sin am beachd aig an ùghdar Daibhidh co-dhiù. Gun teagamh sam bith tha e air a bhith gu math trang air a bheairt-sgriobhaidh le a chuid phoileataigeach. Thoir sùil air gun dàil.
Ach Daibhidh tha mise làn den bheachd gum b’ fheàirrde leinn nan tilleadh Mairead bhòidheach ‘s le Kilroy na cois? Nach biodh sin coileanta?
Tha mi duilich, air do shocair tha mi tarraing às…

Fo smùid nan ceudan a rithist

‘S e oidhche-haoine a th’ann ‘s tha daoine trang air an t-sràid àrd, a chuid mhòr aca òg ‘s a lorg spors. Cha gabh innseadh le cinnt dè a bhios an dàn dhaibh a nochd. Bidh iad a’ gabhail deoch ‘s math dh’ fhaodaite beagan cuid dhiubh drugaichean an cois cuideachd. ‘S e baile àbhaisteach ann an Roinn Eòrpa a th’ann an sin ‘s bidh feadhainn a gabhail cuairt as an ciall air stuth nach robh fiù ‘s na hippies eòlach air: tha mòran as ùr ri reic sna làithean seo.
Mar as tric bidh a h-uile fear aca a bhith dol dhachaigh gun cus trioblaid no cron a’ tighinn orra. Uaireannan brisidh iad uinneag no botail ‘s chan eil sabaid beag seachad orra aig amannan. Nì iad ùpraid ma bhios cothrom aca ach ged a bhiodh iad mi-mhodail tha crìochan aca, tha riaghailtean aca ri leantainn. Tha fhios aca mar eisimpleir far a bheil na camarathan CCTV ‘s far am biodh am poileas gan feitheamh ‘s dè tha ceadaichte mus tèid do chur ann an sàs.
Tha e math a bhith òg ‘s as a chiall ann an àite no coreigin ‘s beagan cunnairt na luib cuideachd – an robh thusa a riamh mar sin?. Nach e math a bhith òg! Chan eil sin ri ràdh gu bheil a h-uile càil a bhith ruith mar bu chòir a thaobh daoine a tha fo bhuaidh deoch ‘s chan eil a h-uile duine a tha an sàs fòirneirt na òigridh idir idir. Leugh mi an dè mu dheidhinn rudeigin uabhasach a chaidh a thachairt ann an Inbhir Narann. Sgrìobh mi aithris sa Ghàidhlig a dh’ aithghearr.