Fhuair sinn ASDL 's an uair sin...

Fhuair sinn ASDL (broadband mar a chanas iad sa Bheurla) ‘s cha robh e doirbh a’ cur air a’ choimpiutair againn. Thog sinn an seòl ‘s chuir sinn a-mach air an eadar-lìn (gu luath). Rinn sinn cùmhnant le companaidh ris an canar Tiscali ‘s bha sinn anns a’ bheachd gun robh dìon-galaran ‘s balla-teine am broinn an aonta sin. Chaidh a h-uile càil ceart gu leòr airson leth-uair a thìde ‘s an uair thàinig tachartasan gu math neònach oirnn. Bha sinn air Google ach mothaich mi ‘side-bar’ nach robh mi eòlach air air an làrach sin. Uill an uair sin thàinig na ‘pop-ups’, bha sinn am measg fìor ghèile nan ‘pop-ups’ Fhuair sin cuireadh airson a’ dol dhan làrach airson geamannan a chluich (chan eil ach £1.50 gach mionaid) agus teachdaireachdan rabhadh bhon siostam ‘windows’ ach cha robh iad bhon siostam againn idir. Thachair e cho luathas a ghabhas: thàinig na galaran ‘s a h-uile càil salach eile a-steach - bha an doras fosgailte.
Chuir mi fon dhan luchd-taic Tiscali ‘s cha robh e fada gus an robh mi bruidhinn le fear anns na h-Innseachan. ‘S e duine snog, fiosraich a bh’ ann ‘s mhìnich e nach robh dìon sam bith taobh a-staigh am ‘Package’ ‘s le ASDL bha e cho furasta a ghabhas a bhith gad leigeil a-steach a h-uile càil cunnartach. Chuir sinn iongantas oirnn, le bharrachd air còig bliadhna air ‘dial-up’ againn gun trioblaid mhòr idir. Ach sin mar a bha e. Bha againn ris a h-uile càil a ghlanadh ‘s thoisich sin a rithist. Chuir sin Norton air cuideachd ‘s thill sinn air loidhne leis a’ phrògram feumail seo a’ sabaid gu sàmhach h-uile mionaid air ar son.

Freagairtean:4

Aig 21:18 thuirt Blogger tearlach61...

This comment has been removed by a blog administrator.

 
Aig 21:18 thuirt Blogger tearlach61...

This comment has been removed by a blog administrator.

 
Aig 21:18 thuirt Blogger tearlach61...

Tha sin cho eagalach sa ghabhas. Fius le dìon-ghallan agus bhalla-teine mar th'againne an-dràsda, tha eagal orm gum bhiodh feadhainn comasach faighinn a-steach.

Tha sin eagalach air sgàth nach robh fios agamsa cho luath sa bhiodh a h-uile a càil a'tachart mura bhios dìon'ghallan 's a leithid ann.

Chuck

 
Aig 20:49 thuirt Blogger mona...

meal do naidheachd, tha an eadar-lìon nas luaidhe agus nas saoire agaibh a-nis, nach eil?

cha do thachair rudan neònach mar sin againne idir, ach tha "router" againn, 's e sin inneal beag o chionn 's gu bheil dà choimpiutair againn. agus tha rud mar "balla-teine" anns an "router" co-dhiù, no sin mar a thuig mise e.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh