‘Tha an loidhne dùinte'
Uill dh’ fhàg mi Inbhir Narann mar a b' àbhaist ach stad iad an trean aig Eilginn.
‘Tha an loidhne dùinte, thèid sibh gu Obar Dheathain air a’ bhus.’ Thuirt an geàrd Agus nach robh bus spaideil gam feitheamh ach thuirt an dràibhear:
‘Cha bhi mi a’ draibheadh gu Obar Dheathainn, tha e ro chunnartach a nis.’
Agus an uair sin thuirt Scotrail.
‘Tha an loidhne fosgailte a rithist ach tha an trean seo a’ tilleadh gu dh’ Inbhir Nis ach tha trean eile sa ghàrradh againn ‘s ni am fear sin a’ chùis’
‘Dè an gàrradh tha a sin ge-tà,’ thuirt fear eile, ‘Eilginn no Peairt?’
Bha e fhathast a’ cur an t–sneachd ‘s rinn mi tomhas air an adhartas aig Scotrail ‘s leam mi a-steach an aon trean a bha mi gam fhaicinn.
‘S mar sin tha mi aig an taigh am broinn ‘Teach yourself Gàidhlig’ ‘s ‘Gaelic verbs’ (an leabhar aig Cailean Mark) a’ coimhead air a h-uile càil ‘fulangach.’
Freagairtean:1
Nach robh Scotrail nas fhearr mus d'thug "First" greim air? Bha e dona, ach cha robh e cho dona ri Scotrail an diugh!
Tha mi gle eolach air an rathad iarann sin, ach b'aithne dhomh Obar Dheathain gu Baile Che nas fhearr na Baile Che/Eilginn gu Inbhir Nis.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh