Rudeigin ùr ‘s rudeigin mìorbhailteach air Yahoo
Thoisich buidhinn ùr san t-saoghal ‘mas-fhìor’ ‘s mar sin tha Gàidhlig a’ faighinn bhrosnachaidh eile air loidhne. Chuir tè ris an canar Ròs Rothach ‘help me learn Gàidhlig’ air dòigh ‘s tha fhathast barrachd air leth-cheud nam buill. Tha iad a’ lorg beagan taic, gu h-àraidh teachdaireachd dà chànanach ma bhios ùine agad. ‘S e seòrsa clas air loidhne na luib cuideachd. Cha chreid mi nach eil e dìreach sgoinneil a bhith faighinn blas den dhealas a tha ga shealltainn san làrach seo.
Gheibh thu ann an seo
Freagairtean:1
chan eil mi cinnteach am bi am buidheann seo a' dol cho math...
chan fhaca mi mòran ghàidhlig fhathast...
thilg iad a-mach mi co-dhiù :P
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh