Tha mi air ais air an trèan
Tha mi air ais air an trèan a h-uile latha gu Obar Dheathain. Tha an trèan a’ fàgail Inbhir Narann aig cairteal an dè sia sa mhadainn ‘s bidh mi ann an Obar Dheathain dà uair a thìde as dèidh sin. S’ àbhaist dhomh a bhith nam shuain chadail cho fada ‘s ri Insch no Inbhir Uaraidh ‘s an uair sin èistidh mi ri Radio na Gaidheal.
An diugh dhùisg mi mar as àbhaist eadar an dhà àite ‘s abair beul an latha os cionn na beanntan den sgìre. Chunnaic mi sgòthan dearga gu pailt a’ streap nas aìrde san iarmailt. Chaidh an talamh gu a gheal reothadh fad na h-oidhche. Chum an trèan oirre tro na seallaidhean Siorrachd Obair Dheathain, gu math na aineolas ris an taisbeanadh a bha roimhe. Bha an luchd-shiubhail mothachail gun robh pìos beag eile den t-slighe aca nas soilleire gach latha. Chuir a’ ghrian fiamh-ghàire orra ‘s ged’ s a bha iad air an slighe chun a’ bhraighdeanas làitheil aca bha faireachdainn dòigheil sna carbadan. Coimhead mi a-mach às an uinneig ‘s smaoinich mi mu dheidhinn a chiad turas an uiridh nuair a shiubhal mi gu Obair Dheathain.
Aon latha aig deireadh an t-Sultain dh'fhàg mi Inbhir Narann aig 0900 sa' mhadainn air an trèan gu Obar Dheathain. Dh' èisd mi ri RNG gus an do ràinig an trèan Eilginn 's an uair sin chaill mi e. Tha cuid anns a' bheachd gu bheil muinntir an àite sin fada an aghaidh Gàidhlig bhon àm a thàinig Alasdair Mòr Mac an Righ sìos bhon Lochandoirbh leis a' cheathairne ghàidheil 's rinn e sgrios air a' bhaile. 'S dòcha gun chuir muinntir Eliginn stad air RNG mar dhìoghaltas?
Chaidh mi dhan taigh beag 's nuair a thill mi phronn mi cas na boireannaich na suidhe air taobh eile a bhùird.
'Sorry', thuirt mise ach chunnaic mi nach robh i glè thoilichte leamsa. An uair sin thuit mi nam chadal. Nam aisling chuala mi Gàidhlig, bha i fada a mach ach dhlùth i orm. Dhùisg mi 's mhothaich mi gu robh na boireannaich a' bruidhinn Gàidhlig air a' fhòn làimh aice. Stad i 's thug i a-mach grunn litrichean le suaicheantas Oilthigh Obar Dheathain am mullach.
Chuir mi cheist oirre sa' Gàidhlig 's mar sin thòisich còmhradh. Bhiodh ise a' tòiseachadh dreuchd aig an Oilthigh mar òraidiche san roinn Cheiltich. 's barrachd air sin, bha a h-uile coltas a bh'ann gum biodh ise gam theagaisg.
'Tha mi an dòchas nach eil do chàs ro ghoirt thuirt mise…'
Tha mi glè toilichte ag ràdh nach do chuir an tubaist sin bacadh orm idir.
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh