Cha bhithinn às a h-aonais
Cha bhithinn às a h-aonais. Thoisich m’ùidh nuair a choimhead mi air mapaichean. Mu chuairt Inbhir Narann ‘s anns a’ bhaile fhèin bha mòran ainmean-àiteachean gan sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig. Bha sin a’ sealltainn de cho làidir ‘s a bha a’ chànan san am a dh’ fhalbh. Beagan às dèidh sin, mar mòran daoine eile, thug mi sùil air na faclan den h-òrain Runrig. Thuig mi de cho phrìseil ‘s a bha a’ chànain ‘s an cultair – cultair fhathast beò a dh’aindeoin a h-uile cron ‘s geur-leanmhainn a bha i ga fulang. Dh’ ionnsaich mi beagan ‘s as dèidh grunn bliadhnaichean d’fhuair i fìor ghreim orm. S’ann an 2003 a d’fhuair mi cothrom a’ dol a-steach cùrsa làn-ùine ann an Inbhir Nis. Cha b’urrainn dhomh a’ stad a-nis, bidh mi-fhèin ‘s a’ Ghàidhlig an uchd a chèile gu bràth siorraidh. Dh’ ionnsaich mi fada nas motha na faclan, ‘s tha fhios agam gum bi mòran daoine a tha gam leughadh anns an aon bheachd agus a’ faireachdainn an aon rud
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh