Thòisich mi a’ teagaisg Gàidhlig an-raoir
Thòisich mi a’ teagaisg Gàidhlig an-raoir. Seadh, tha fhios agam! A dh’ innse an fhìrinn cha robh duine sam bith eile deònach no comasach sa bhaile ‘s mar sin chuir mi romham gun dèanainn e.
Bha beagan eagail orm roimhe a’ chlas, feumaidh mi aideachadh ach bha e ceart gu leòr. Chaidh an clas air adhart aig ìre ‘s a dhà ‘Speaking our Language’.
Bha cruaidh fheum ann an Inbhir Narann air a leithid. Bha mi glè fhortanach a chionn ‘s gu robh na h-oileanaich eòlach air beagan Gàidhlig ‘s cha robh mòran nach robh iad a’ tuigsinn. Choimhead sinn fiù ‘s air pìos sgriobhaidh bhon ‘Inverness Courier’ anns a’ cholbh ‘Am Peursa’. Dh’ innis mi dhaibh gu robh neach-ionnsachaidh a th’ annamsa cuideachd ‘s bha mi deònach gan teagaisg fiù ‘s gu robh mi fhathast an sàs foghlam tro mheadhan na Gàidhlig mi fhèin. Aig dìreadh a’ chlas thuirt mi. ‘ tha mi gu math an dòchas gu robh sin feumail dhuibh.’
‘Gun teagamh’ fhreagair iad.
Bidh tè eile a’ teagaisg clas airson luchd-tòiseachaidh an diugh. Le dhà chlas againn thèid piseach air Ghàidhlig anns a’ bhaile a-nis.
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh