An eadar-lìn Gàidhlig

An eadar-lìn Gàidhlig
Tha grunn buidheann Gàidhlig ann an Yahoo. Mholainn gu dearbh ‘Iomairtean Gàidhlig’. Feumaidh tu a bhith nad bhall mus tèid sibh a-staigh ach chan eil ballrachd doirbh ri fhaighinn. Tha an clàradh furasta air Yahoo ‘s an uair sinn tha agad ri feitheamh air an Webmaster (maighstir-làraich?) a’ toirt sùil air do iarrtas. Tha mòran Gàidhlig am broinn ‘s chì thu sgrìobhadairean a’ toirt beachd air a h-uile seòrsa. Tha fiù’ s beagan a’ dol air adhart a thaobh savegaelic.org. Chan fhaic thu eadar-theangachadh ge-tà de gach pìos sgriobhaidh ach ma bhios ùine agad bu chòir dhut sùil a toirt air.
Nì mi mholadh eile an-diugh, blog aig ar càraid Chuc ann an Alasca.
http://gaidheal.blogspot.com/
Tha deagh chothrom agad a bhith faighinn a-mach dè tha dol ann an Codiac.
Tha an eadar-lìn Gàidhlig a’ fàs nas fheàrr na telly air oidhche gheamhraidh sam bith.