A' cùnntadh sìos chun lèirsgrios

A’ cùnntadh sìos chun lèirsgrios

Leugh mi and ‘Independent’ an dè: ghlac an ceann-sreath mo shùil nuair a choiseachd mi tarsainn air stèisean nan trèanaichean ann an Obar Dheathain. Sgrìobh iad mu dheidhinn aithris tighinn a-mach bho buidheann no choireigin a-màireach. ‘S e teachdaireachd gu math doirbh a th’ann ‘s chuir e eagal orm. Bha mi daonnan den bheachd gum biodh am buaidh bhon blàthachadh a’ chruinne ga sàr-nochdadh fada, fada às mo dhèidh. Uill bidh an aithris seo, ris a canar ‘Meeting the climate challenge’, a’ cumail a-mach gu bheil sinn cha mhòr seachad an ìre far am bidh e do-dèante a thilleadh.

Tha a’ bhuidheann-gnìomha seo air a dèante le luchd-poileataics, luchd-gnothaich, ‘s sgoilearaich bhon t-saoghal air fad. Dh’ fhaodadh sinn a bhith fhaicinn fàilligeadh tuathanachas; gainnead uisge ‘s mòr-thiormachd gu leòr; tòrr galaran; a’ mhuir na dol nas aìrde ‘s coilltean faighinn bas. Bu choir sinn stad a chur air ar dòigh-beatha tha fhios aig a h-uile duine ach tha a h-uile coltais th’ ann gum bi a-màireach ro fhadalach dhuinn.

Thèid sinn tarsainn na stairsneach uabhasach sin nuair a ruigeas an teothachd mheadhanach gu h-inbhe 2°C nas aìrde na bha i ann an 1750. Gu mi fhortanach thug sinn fhathast gu bhuil a’ chiad 0.8°C. Ma ghluaiseas e seachad air 2°C ruitheadh e cho luath ‘s ghabhas gun smachd ‘s cho aig a tha fios dè a thachradh.
Tha an doras fosgailte dhuinn, a bheil thusa airson a’ dol a-steach an t-sealladh sin?