Bòrd na Gàidhlig 's an riaghaltas
Tha mi dìreach bho leughaidh an Press and Journal. Tha an Riaghaltas a’ cumail a-mach nach bi feum air a h-uile duine air Bhòrd na Gàidhlig a bhith fileantachd sa Ghàidhlig ma bhios sgilean sònraichte aca – a leithid eòlas air mhion-chànan eile mar eisimpleir. Tha sin do-chreidsinn, dìreach do-chreidsinn! Ciamar fo ghrèin a tha sin a’ dol a’ toirt misneachd air an t-suidheachadh?
‘S e aon rud a bhith faighinn comhairle bho a leithid daoine anns a’ bheurla ach ma bhios neach sam bith am broinn BnG gun Ghàidhlig bhiodh a h-uile càil anns a’ bheurla nach eil?
Freagairtean:1
Leis riaghalts mar sin, as deidh greis, nach bith air a bhruidhinn ach Beurla.
Nach bu chòir a bhith aig Bòrd na Gàidhlig fhèin a chuir roimhe? Ciamar bith iad ag iarraidh planaichean a'chànan air companaidhean èile nuair nach eil comas acasan a leithid a chuir romhpa?
Chuck
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh