Thill an t-àm ceart
Thill an t-àm ceart an dè ‘s cha chreid mi nach bi sinn gu tur dòigheil anns a’ bhaile a nis: Bha e air falbh ùine mhòr. Chuir sin seachad cus ùine san staing sin. Chan eil dad ceàrr idir le 2005 a-rithist. Chunnaic mo chàraid na làmhan mòra dubha a’ tionndaidh aig astar uabhasach airson greis ‘s an uair sin thàinig Inbhir Narann a-mach às an ‘temporal distortion' (am fiaradh aimsireil?) a bha a’ cur dragh oirnn.
Freagairtean:1
tha sin glè mhath - tha sibh anns an t-saoghal seo a-rithist. 's dòcha gun robh sibh ann an tìr nan òg airson greis? ;)
~mona
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh