Na 'sprinters' mar a chanas iad

Gath Clag said…
'Nach robh Scotrail nas fhearr mus d'thug "First" greim air? Bha e dona, ach cha robh e cho dona ri Scotrail an diugh!'


Chuir sin nam chuimhne a chiad turas a chunnaic mi na ‘sprinters’ mar a chanas iad. Chuir iad air dòigh iad mar dheuchainn air an loidhne eadar Inbhir Nis ‘s Obar Dheathain. Aon latha ghabh mi cuairt faisg an drochaid-rèile a tha os cionn na h-aibhne sa bhaile seo. Gu h-obann chunnaic mi aisling mheatailt airgid na deàrrsadh a’ ruith tarsainn mo shealladh. Dha crogan Tennants air cuibhlichean smaoinich mi, no chaidh rudeigin a theich bhon London Transport. Thàinig ùrachadh oirnn aig an àm ud ‘s cha bhiodh e fada gus am biodh British Rail a’ dol fodha. ‘Those were the days my friends ♪’

Freagairtean:1

Aig 18:31 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Halò, chleachd mi an trèan o Pheairt gu Inbhir Nis bho chionn ghoirid, agus cha robh e cho dona. Ma 's math mo chuimhne, cha do chuir ScotRail teas gu leòr anns na carbaidean an turas mu dheireadh agus bha e ro fhuar; ach an turas seo, cha robh e cho fuar a-muigh co-dhiù!
Ach bha cus daoin' ann bho Inbhir Nis gu Peairt agus cha d' fhuair feadhainn dhinn suidhe ach san àite eadar na carbadan. 'S e droch rud ge-tà, gu bheil an t-uiread de smachd aig aon bhuidheann air gach seòrsa còmhdhail a th'againn - eadar busaichean, ' s trèanaichean 's a h-uile sian. Gura math a thèid ort!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh