Uill, chunnaic mi blog eile...

'S anmoch a rinn mi dùsgadh
Uill, chunnaic mi blog eile ach am bu chòir dhuinn ag ràdh ‘leabhar-lìon’
‘S e sin am beachd aig an ùghdar Daibhidh co-dhiù. Gun teagamh sam bith tha e air a bhith gu math trang air a bheairt-sgriobhaidh le a chuid phoileataigeach. Thoir sùil air gun dàil.
Ach Daibhidh tha mise làn den bheachd gum b’ fheàirrde leinn nan tilleadh Mairead bhòidheach ‘s le Kilroy na cois? Nach biodh sin coileanta?
Tha mi duilich, air do shocair tha mi tarraing às…

Freagairtean:1

Aig 20:58 thuirt Blogger Davie...

'San Eadailt bi iad a' taghadh rionnagan de fiolmaichean salach mar buill-pàrlamaid. An seo, bi sinn a' taghadh Kilroy. Chan fhios agam cò a tha as miosa!
Tapadh leat airson d' fhaclan snog a Ghraisg.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh