Ball-coise: rinn Inbhir Narann a’ chùis air Inbhir Uaraidh

Feasgair Disathairne 2-1 shuas aig Station Park. Cha bhiodh thu a’ creidsinn gur e 23 puing eadar an dhà sgioba anns an liog na Gaidhealtachd! Tha Inbhir Uaraidh air a bhith nan suidhe aig mullach an liog o cionn fhada ‘s ‘s e sgioba gu math tàlantach a bh’annta ‘s mar sinn bha na luchd-leantainn a bh ‘aca gu math mi-thoilichte leis na cluicheadairean anns na lèintean dearga ‘s dubha. Ach bha e math gan faicinn sa bhaile, tha iad daonnan gu math càirdeil ruinn ann an Inbhir Uairaidh ‘s tha fàilte mhòr gan feitheamh gach turas sa chlub socialite aca. Thàinig barrachd air ceud dhiubh ‘s mar sin beagan airgead nan cois. Stad am bus bh’ aca aig an Legion ‘s ghabh iad drama no dhà roimhe a’ ghèama mar a b’ àbhaist. Chan eil e fada bhon an Legion gu a’ phàirc bhuill-choise.

‘S e feasgar dìreach sgoinneil a bh’ ann a thaobh an ‘Wee County’ mar a chanas sinn sa bhaile. Bha an sgioba ‘s gu h-àraidh na cluicheadairean ùra a cheannaich Les Fridge a’ ruiginn inbhe far a bheil iad comasach an geama a thoirt dhan sgioba sam bith. Gu mi-fhortanach tha sin cho fada air cùlaibh na balach mòr a nis a bhith dèanamh math anns an t-sèasan seo ach cò aig a tha fios – cha chreid mi nach bi club ‘glamour’ eile a bhriseadh a-mach an ath shèasan ‘s bith sinn air a’ mhullach cuideachd leis an leithid Inbhir Uaraidh……
………..Tha mi an dùil tha mi an dòchas……

Cha robh paidh sam bith air fhàgail cuideachd!