An e an Rock ‘s Roll às ùr a th’ ann an ‘Blogging’?

Leugh mi gu bheil fear-blogger a nis faighinn a-steach de na choinneamhan naidheachd aig an Taigh Gheal. Cluinnidh thu iad bruidhinn mu dheidhinn na blogaichean air a’ BhBC cuideachd. Gun teagamh tha na blogaichean a’ putadh a-steach don mheadhanan traidiseanta.
Am faca tu an ‘Sunday Times’(pìos Ecosse) an Là na Sàbaid seo? Sgrìobh iad mu an deidhinn ‘s bha iad gan tarraing as gu mòr agus ‘s e sin ciamar a tha na pàipearan-naidheachd gan dèiligeadh an diugh ach chan eil sinn ach aig toiseachd tòiseachaidh den ghnothaich ris an canar ‘am Blogosphere’. Am bidh an ‘wood-media’ (mar a chunnaic mi an abairt sin air bhlog eile an diugh) a’ fuiling air an son san àm ri teachd. Cò aig a tha fhios? Tha beachd aig Seoras Bush! Tha fhios aca san taigh gheal cia mheud daoine a tha gan leughadh san latha ‘s a bheil sinn beò.Ma tha greis agad seo làrach ris an canar ‘Scottish Blogs’. Chi thu dè tha dol san Blogosphere na h-Alba ach ma tha thu ag iarraidh Blogaichean Gàidhlig bhiodh thu fada nas s’ fheàrr a bhith leantainn na ceanglaichean air do thaobh deas den dhuilleig seo.

Freagairtean:2

Aig 07:04 thuirt Blogger tearlach61...

A Ghraisg chòir,

Ged a tha mi an ìre mhath airson an Taighe Geal ach dhomhsa chan eil iadsan am fìor blogasphere (neo cruinnidh-bhloig?). 'S iad daoine a tha iad a paigheadh airson a chuir fiosrachadh (neo propaganda) thugainn (neo a-mach!).

Chan eil mi buileach cinnteach ma tha na luchd-naidheachd nam fìor blogach nas motha.

Chunnaich mi an-diugh gu bheil sinne air an liosta na ceanglan air làrach lìnn Sabhail Mòr Otaing mar blogaichean.

Tha sin math nach eil?

Chuck

 
Aig 12:26 thuirt Blogger Graisg...

Hi CHuck

Seadh, tha sinn air a’ dhuilleig aig SMO ‘s tha mi toilichte ga fhaicinn.
Tha mise anns a bheachd gu bheil an loidhne eadar ‘blogging’ ‘s naidheachdas air fhàs doirbh ga fhaicinn an diugh ‘s cò aig a tha fios ciamar a dh’ atharraicheas am meadhan ‘craobhan marbha’ san àm ri teachd. A dh’innse na fìrinn chan eile dad ceàrr le beagan paipear anns do laimhean.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh