Iomairt gus cuidhteas fhaighinn de Ghluineach Sheapanach, Lus na Clogaide agus an Odharan Mór

Gluineach Sheapanach agus an t-Odharan Mòr a' fas ann an Inbhir Narann

Leugh mi artaigil mu dheidhinn nam craobh fo bhlàth ann an Iapan agus chuir sin orm smaoineachadh. Chan e a-mhain mu dheidhinn nam dathan brèagha air na craobhan agus ciamar a tha sin a chuir daoine ann an deagh shunnd. Chithear grunn chraobhan den leithid sin ann an Inbhir Narann - uill prunus eile (siris sheapanach), chaidh am brosnachadh leis an turadh agus teas a bh' againn o chionn greis ach gu mi-fhortanach tha iad air a bhith fo bhlàth fada ro thràth agus a-nis tha iad fo chunnart reòthadhan àbhaisteach a tha buailteach a bhith againn sa Ghiblean. Dhùisg ceàrn eile nam inntinn a chuir nam chuimhne siubhal a-mach a Lunnainn a rinn mi o chionn fhada. 'S e turas a bha mi cleachdte ris ach abair thusa gur e sealladh ur a fhuair mi an latha ud le mìltean craobh siris fo bhlàth air sràidean chathair bhaile Shasainn.

Co dhiù thoisich mise a' smaoineachadh air lus eile bhon Iapan a tha gu math cumanta ri taobh abhainn Narann. 'S e sin ri ràdh Gluineach Sheapanach agus faodaidh mi a ràdh le làn cinnt gur ann air a dòigh ghlan a tha e san àrainneachd againn sa bhaile seo. Gheibhear da lus eile bho thall thairis timchioll na h-aibhne cuideachd, Lus na Clogaide agus an Odharan Mór. Air sgath 's gu bheil iad a' fàs cho annasach math tha iad nan cunnart don lusan nàdarrach le buinteanas don abhainn. A bharrachd air sin air sgath 's gu bheil daimh sònraichte eadar na tha a' tachairt air bruaichean na h-aibhne agus cùisean san uisge tha na lusan coigrich nas cunnartaiche buileach don abhainn san fharsaingeachd.

Am bliadhna chuir na h-ùghdarrasan iomairt air dòigh gus cuidhteas fhaighinn don trì lusan ud. Le taic airgid a dh'fhiach £75,000 bho riaghaltas na h-Alba bidh am bàillidh agus feadhainn eile a ' cur stuth sònraichte air na lusan ud tarsainn na trì bliadhna a tha romhainn. Tarsainn air na bliadhnaichean 's mise air iomadh sgrìob a ghabhail mu cuairt na h-aibhne, tha soirbheas na coigrich ud air a bhith dragh nach bu bheag orm. Tha mi air a bhith a' togail casaid anns an earrach gach bliadhna aig coinneamhan na Comhairle Coimhearsnachd againn. Gu ruige seo tha leisgeil cion airgid air a bhith aig Comhairle na Gaidhealtachd ach mu dheireadh thall bidh iomairt a dhol air adhart cus cuidhteas fhaighinn don trì lusan a tha seo. Gur math a thèid leis an iomairt seo.