Nollaige chridheil agus bhliadhna mhath ùr nuair a thig e.

Halò a chàirdean, Thug e toileachas mòr dhomh fad 2006 ann a bhith leughadh ur cuid sgrìobhaidh air Tìr nam Blòg. Cumaibh oirbh ann an 2007. ‘S e làrach soirbheachail air leth a tha ann an Tìr nam Blòg gun teagamh. Taing sònraichte dhan mhaighstir-lìn againn shìos ann am Manchester – gabh air do shochair ‚ille :-)
Mar sin leibh an-dràsta.

La crise de l'esprit

Leugh mi rudeigin a chur nam chuimhne na sgrìobh Chuc agus Stefan air Tìr nam Blòg o chionn ghoirid. ‘S e eadar-theangachadh gu Beurla a bh’ann bho ‘La crise de l'esprit' (Èiginn na h-aigne) a chaidh a sgrìobhadh ann an 1919 le Frangach ris an canar Paul Valéry. Seo pìos dheth a chur mi gu Gàidhlig agus bheir mi an rabhadh àbhaisteach dhut: tha mi an dòchas nach eil cus mearachdan ann.

‘Cha b’ann an Elam, Nineveh agus Babylon ach ainmean àlainn neo-shoilleir, agus bha an leth sgrios a bh’ orra cho coma againn sa bha an dearbh bhith aca. Ach an Fhraing, Sasainn, an Ruis... bhiodh iadsan nan ainmean àlainn cuideachd. Mar an ceudna, ‘s e ainm àlainn a th’ ann an Luisitania. Agus tha sinn a’ faicinn a-nis, gu bheil domhainn gu leòr aig dubhaigeann na eachdraidh a dh’fhaodadh sinn uile a thoirt a-steach. Tha sinn mothachail gu bheil sìobhaltas dìreach cho lag ri beatha. Chan eil seachad thar tuigse a-nis, na suidheachan a chuireadh an cuid obrach aig Keats agus Baudelaire dhan aon staing sa tha sin aig
Menander; tha iad rim faicinn sna pàipearan-naidheachd.

A bheil mòran diofraichte eadar na làithean seo ciamar a bha e ann an 1919 no 1965 no àm sam bith eile, am bi seòrsa ‘crise de l'esprit’ againn gu bràth siorraidh.
San aon dòigh a-rithist agus a-mach air an aon chuspair ann an 1965, seo tè àlainn aig a bheil guth àlainn.