Am plana leasachaidh air feadh na Gàidhealtachd ga dhubh-chàineadh ann an Inbhir Narann.

‘S e plana aig Comhairle na Gàidhealtachd a tha seo. ‘ S e prìomh amas a’ phlana seo gus cruth a chur air leasachaidh sa Ghàidhealtachd airson an ath 20-40 bliadhna a tha romhainn. Chaidh a dubh chàineadh ann an Inbhir Narann ge-tà. Chaidh aithris de choinneamh Chomhairle Coimhearsnachd ‘Suburban’ Inbhir Narann fhoillseachadh sa Nairnshire Telegraph agus ciamar a bha daoine a-mach air plana ‘do-thuigsinneach’. Seadh tha cainnt nam comhairle gu math doirbh a thuigsinn aig amannan agus ma tha leth-bhreac de ‘Aithisg nam Prìomh Chùisean’ faisg air làimh dhut – gabh air do shocair leis!

Ma dh’fhaoidte chan e ann an Inbhir Narann a-mhàin a tha am plana seo ag adhbharachadh deasbaid teth ach faodar a ràdh chan e deagh chàirdeas san fharsaingeachd a bha eadar muinntir an àite agus a’ chomhairle sa chiad dol a-mach. Gheibhear mòran a tha faicinn na comhairle mar nàmhaid, nàmhaid a tha a’ dèanamh sgrios air goireasan agus dearbh-aithne a’ bhaile againn agus nàmhaid a tha làidir den bheachd chan eil ann an Inbhir Narann ach iomall-baile Inbhir Nis.

Ma thèid am plana seo air adhart mar a tha e an-dràsta bhiodh sluagh Inbhir Narann a’ dol am meud 80% bho seo a-mach gu 2031. A-nis chan eil luchd togail-fianais a’ tuigsinn ciamar ‘s urrainn dhut 5,000 cosnaidh a chruthachadh agus bun structair a chuir air dòigh le togail thaighean a-mhàin. A bheil a’ comhairle den bheachd gun tig a h-uile càil eile sa bhad as dhèidh làimh? Nach e sin ro-innealachd caran cunnartach a tha seo aig na luchd-dealbhachaidh?

Chan e nimbys a th’ ann an muinntir a’ bhaile seo tha làn fhios aca gur e rud deatamach don eaconamaidh a th’ann an leasachaidh. Tha iadsan a’ faighnich ge-tà, carson bu choir don a h-uile càil a bhith mu thimcheall a’ bhaile seo agus carson a tha feum air na bailtean ùra Tornagrain agus Whitness. (nach ann as na seachadhan a tha a leithid smaoineachadh, bailtean ùra msaa?) Nach eil badan eile den Ghàidhealtachd airidh air leasachadh cuideachd?

Tha a’ cho-chomhairle fhathast a’ ruith agus leis a h-uiread dhaoine a tha a’ cur an aghaidh a’ ghnothaich mar a tha e chì sinn dè thachras aig a cheann thall.