‘An uair a bhuaileas tu cu, buail gu math e.’

Sgeulachd bheag eile den rèile.

Chadal mi gu math mar a b’ àbhaist gus an ràinig an trèan Hunndaidh ‘s an uair sin chaidh mi dhan taigh beag (àite cunnartach air an rèile tha fhios agam). Ma bhios sibh eòlach air na ‘sprinters’ bidh fhios agad gu bheil beagan rùm faisg air an taigh beag airson baidhsagalan. Uill fhathast nam aisling thachair mi air da chù mòr, Alsatians, ‘s ghabh iad ùidh air leth orm. Nuair a dh’ fheuch mi a chumail orm dhan taigh bheag cha robh iad deònach gam leigeil seachad idir. Thoisich iad a’ comharraich gu fiadhaich ‘s leum iad thugam ach gu fortanach bha iad ceangailte ris an taobh den carabaidean. Mhothaich mi gu robh tè na sheasamh eadar na Alsatians ‘s an taigh beag, ‘s e seòrsa hippy a bh’ innte no ‘crustie’ a bhith mionaideach. Anns a’ chiad dol a mach cha do ghabh i ùidh ach bha na coin a fìor dhol às an ciall s dh’ èigh i , ‘ chuir stad air sin!’
Bha coltas gu math fiadhaich oirre cuideachd barrachd air a fasan ‘s bha mi den bheachd gu robh e fo bhuaidh deoch no drugaichean no tinneas-inntinn no choireigin. As dèidh sin chuir mi orm dhan taigh bheag ‘s thill mi ach cha robh na Alsatians air an socair leam. Bho àm gu àm chomharraich iad a rithist ‘s bha an geàrd a’ cumail sùil orra ‘s bha e an dòchas gun ruig an trèan Obar Dheathain gun casgradh.
Stad an trèan aig Obar Dheathain ‘s nuair a chaidh a h-uile duine a mach bha an platform loma-làn le ‘s thoisich ciudha. Thàinig an tè-chrusite a mach cuideachd le aon chù fo smachd ‘s am fear eile na mhiann-fhèin ‘s ‘a ruith nar measg ‘s an uair sin chunnaic mi fear-gnothaich le deise spaideil ach cac bog orains a’ chòmhdach a bhròige chosgail.
Thoir an aire air an rèile!

Deagh choinneamh feasgair Diciadain

Tha na pàrantan làn dòchas gum bi aonad Ghàidhlig aig aon den sgoiltean ann an Inbhir Narann as t-foghar ‘s a’ tighinn. Mar a thuirt mi, abair deagh choinneamh a bh’ ann ‘s thàinig sinn a mach gu math dòchasach ‘s barrachd air sin bidh iomairtean eile tighinn a mach as a’ choinneimh sin tha mi cinnteach.

Faclan gliocais bho Chadalach!

Uill chunnaic mi Blog eile 's tha e a' dol ris an canar 'Faclan gliocais bho Chadalach! '
Bu chòir dhut dol ann gun dàil 's cuir fàilte air Cadalach!

Abair dà shaoghal!

Chunnaic sinn am biora-crùdein a rithist. Bha e na sheasamh air geug feàrna ‘s chuir mi eagail air nuair a chaidh mi seachad. Theich e dhan taobh eile den abhainn. Ghabh e àite tri troighean os cionn an uisge ‘s stad e greis an sin. Cha robh sin freagarrach dha ‘s ghluais beagan astar do gheug nas àirde. Bha prosbaig aig mo chèile ‘s abair deagh cothrom a bh’ againn a shealltainn air a dhathan do-chreidsinn. ‘S an uair sin chaidh e fon uisge ‘s thàinig e a-mach le iasg ‘s bha an t-iasg sin cho fada ‘s a bha e fhèin. Thug sin fianais air an spàirn mhòr a rinn e airson an iasg a dh’ ithe. Nach do rinn an creutair beag sin math ‘s chuir e sinn ann an deagh shunnd. Bha sinn a’ coimhead air barrachd air fichead mionaid mus do dh’ fhalbh e. A dh’ aindeoin eallach trom ghabh e don èadhar a-rithist ‘s thog e air.
Faisg air làimh tha na mìltean de càraichean ‘s làrràidhean a’ dol a-null ‘s a-nall an drochaidh A96 gach latha. Abair dà shaoghal!

Gu dearbh tha an rèile nas cunnartaiche nar lath-ne

Chaidh mi gu deas Diciadain seo chaidh air a’ GhNER. Dh’ fhàg sinn Inbhir Nis aig còig mionaidean gu ochd sa mhadainn ‘s streap an trèan suas dhan drochaid faisg air Cùil lodair. Thoisich mi a leughadh ‘s uaireannan choimhead mi a-mach air na seallaidhean fo mo shùilean. Cha robh e fada gus an robh sinn seachad air An Agaidh Mhòr ‘s chaidh mi dhan taigh beag. ‘S e taigh beag spaideil a bh’ ann: dèante san dòigh nuadh le doras leth-chearcall ‘s a h-uile càil fèin-ghluasadach. Bha putanan gu leòr an luib ach bha e furasta a thuigsinn.
Uill b’ fheàirrde leam le sin ‘s ghlan mi mo làmhan nuair a bhuail aon de na cuibhlichean rudeigin ‘s chrith an carbad. Bha an sgàthan air beulaibh phris ‘s chaidh e seachad mo cheann aig astar gu math luath nuair a dh’ fhosgail e gu h-obann. Sin seachad ‘s mise nam bheachd gun robh mi gu math fortanach chuir mi air a’ phutan gam leigeil a-mach. Cha robh e ag obair idir, idir. ‘S cha robh an doras a’ gluasad le neart mo làmhan ‘s an uair sin mhothaich mi gun robh an doras air ghluasad bhon t-slighe far a b’ àbhaist dha a bhith gluasad tarsainn an làr. Bha cuisean gu math mi-mhisnich ‘s dh’ fhalbh mo h-earbsa san teicneòlais den GhNER. Cha robh càil fhios agam idir ciamar a gheibhinn a mach den duilgheadas seo. Mise a-nis nam prìosanach den rathad iarainn.
Chuir mi mo bhròg air bonn an dorais ‘s ghluais e beagan. Laighe mi sìos ‘s chleachd mi neart mo chas ‘s ghluais e beagan na b’ fhaide. As dèidh spàirn mhòr bha beàrn agamsa a bhith snàigeach gu saorsa. Chuir mi romham nach bithinn staitistig ‘s fhuair mi a-mach.
Bha dithis nan suidhe faisg air làimh gam fhaicinn. Thug mi gàire dhaibh ‘s thuirt mi. ‘Tha rudeigin fada ceàrr leis an taigh beag an diugh.’ Cha robh freagairt ann ‘s bha e furasta faicinn gun robh beagan eagail orra. Bha mo àite-suidhe fhèin dìreach air an cùlaibh cuideachd.
Thuit mi nam throm cadail ‘s dhùisg mi a rithist faisg air Peairt, bha an geàrd ‘s feadhainn eile den sgioba-trèana a’ feuchainn an taigh beag a chur air dòigh. Cha robh iad soirbheachail ‘s chuir iad sanas air an doras: ‘A mach à òrdugh.’
Tha dùil agam nach eil Gàidhlig aig duine sam bith aig a' GhNER.

Thàinig Blog eile.

Tha am Blogchruinne Gàidhlig air a mheudachadh a rithist. Mholainn gu dearbh gun tèid sibh gun dàil dhan bhlog ris and canar ‘Eadar Dà Shaoghail'. Abair sàr sgrìobhadh an luib. Tha an t-ùghdar gan mhìneachadh ciamar a bha e a’ strì an aghaidh ‘truimead a chrìdhe’ nuair a bha e ag obair san ‘ionad-fòn’
‘Mar sin dheth, tha mi a' sgrìobhadh òran. 'S e an aon dòigh na faireachdainnean dorcha, bhrònach a spìonadh às m'eanchainn gu h-iomlain - a bhith coimhead air mo shuidheachadh le gàire seach gruaim. Sin na faireachdainnean a th'agam air sàilleabh moch-èirigh a dh' fheumas dhomh dhèanamh sa mhadainn! Sin na faireachdainnean a th'againn uile aig an uair cruaidh ud!’

Chòrd an sgriobhaidh sin gu mòr rium ‘s tha mi an dochas tuilleadh fhaicinn a dh’ aithghearr.