Gu dearbh tha an rèile nas cunnartaiche nar lath-ne

Chaidh mi gu deas Diciadain seo chaidh air a’ GhNER. Dh’ fhàg sinn Inbhir Nis aig còig mionaidean gu ochd sa mhadainn ‘s streap an trèan suas dhan drochaid faisg air Cùil lodair. Thoisich mi a leughadh ‘s uaireannan choimhead mi a-mach air na seallaidhean fo mo shùilean. Cha robh e fada gus an robh sinn seachad air An Agaidh Mhòr ‘s chaidh mi dhan taigh beag. ‘S e taigh beag spaideil a bh’ ann: dèante san dòigh nuadh le doras leth-chearcall ‘s a h-uile càil fèin-ghluasadach. Bha putanan gu leòr an luib ach bha e furasta a thuigsinn.
Uill b’ fheàirrde leam le sin ‘s ghlan mi mo làmhan nuair a bhuail aon de na cuibhlichean rudeigin ‘s chrith an carbad. Bha an sgàthan air beulaibh phris ‘s chaidh e seachad mo cheann aig astar gu math luath nuair a dh’ fhosgail e gu h-obann. Sin seachad ‘s mise nam bheachd gun robh mi gu math fortanach chuir mi air a’ phutan gam leigeil a-mach. Cha robh e ag obair idir, idir. ‘S cha robh an doras a’ gluasad le neart mo làmhan ‘s an uair sin mhothaich mi gun robh an doras air ghluasad bhon t-slighe far a b’ àbhaist dha a bhith gluasad tarsainn an làr. Bha cuisean gu math mi-mhisnich ‘s dh’ fhalbh mo h-earbsa san teicneòlais den GhNER. Cha robh càil fhios agam idir ciamar a gheibhinn a mach den duilgheadas seo. Mise a-nis nam prìosanach den rathad iarainn.
Chuir mi mo bhròg air bonn an dorais ‘s ghluais e beagan. Laighe mi sìos ‘s chleachd mi neart mo chas ‘s ghluais e beagan na b’ fhaide. As dèidh spàirn mhòr bha beàrn agamsa a bhith snàigeach gu saorsa. Chuir mi romham nach bithinn staitistig ‘s fhuair mi a-mach.
Bha dithis nan suidhe faisg air làimh gam fhaicinn. Thug mi gàire dhaibh ‘s thuirt mi. ‘Tha rudeigin fada ceàrr leis an taigh beag an diugh.’ Cha robh freagairt ann ‘s bha e furasta faicinn gun robh beagan eagail orra. Bha mo àite-suidhe fhèin dìreach air an cùlaibh cuideachd.
Thuit mi nam throm cadail ‘s dhùisg mi a rithist faisg air Peairt, bha an geàrd ‘s feadhainn eile den sgioba-trèana a’ feuchainn an taigh beag a chur air dòigh. Cha robh iad soirbheachail ‘s chuir iad sanas air an doras: ‘A mach à òrdugh.’
Tha dùil agam nach eil Gàidhlig aig duine sam bith aig a' GhNER.

Freagairtean:4

Aig 12:57 thuirt Blogger mona...

obh obh, bha sin èibhinn ri leughadh :)

 
Aig 18:27 thuirt Blogger Conn...

This comment has been removed by a blog administrator.

 
Aig 18:30 thuirt Blogger Conn...

Hi a Ghráisg - Go raibh maith agat as an gceangal le mo bhlag. Tá ceangal agamsa chughat anois. Níl (chan eil?) aon Gháidhlig agam, ach tuigim beagán. :-)

 
Aig 19:59 thuirt Blogger Graisg...

Feasgair math 's mòran taing Imeallach - math gad fhaicinn an seo :-)

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh