Upraid Inbhir Narann a Deas agus buaidh an meadhanan soisealta air a' chùis

Nochd mi rudeigin air an duilleag Facebook “Gàidhlig a-mhàin” an seachdain seo chaidh, sgrìobh te bhon BBC: “Hello Uileadh, tha mi ag iarraidh air daoine agaibh a-seo bhruidhinn air program Choinnich, Radio nan Gaidheal madainn diciadain mu dheidhinn iomairtean air loidhne. Bheil daoine agaibh an sas ann an iomairt far an sgaoil sibh fios air na meadhanan soisealta, agus a bheil e dha riribh eifeachdeach an leithid a dheanamh, seach a bhith caismeachd air na sraidean, mar a chitheadh sibh anns na bliadhnaichean a dh' fhalbh? A bheil nas lugha e dhaoine air na sraidean air sailleibh s' petition air loidhne? Bhithinn fada nur comain nan cuireadh sibh fios air ais thugam mur deidhinn agus nam biodh sibh deonach bruidhinn air a' phrogram mu dheidhinn na h-iomairtean agaibhse.”

Sgrìobh mise an fhreagairt a tha seo: “"Mar a chitheadh sibh anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh"? Seo Inbhir Narann an t-Sultain 2013 dhut agus muinntir an aite a' gabhail na sraidean orra agus iadsan seach searbh sgith le poliseadh dealbhachaidh Comhairle na Gaidhealtachd. http://www.youtube.com/watch?v=yzAqqD8Yjog Ro laimh bha daoine gu mor a-mach air seo air loidhne agus duine eile sna craobhan marbh (mar a chanas iad). Chuir mi piosan air mo bhlog gurnnurn.com aig an am a bha sin agus nam bheachd fhein chan eil e furasta criochan fhaicinn air cuisean air loidhne agus buaidh tha sin a' toirt air gnothaichean taobh a-muigh na meadhanan soisealta.”  

Agus as deidh sin madain Diciadain bha mi bruidhinn air Program Choinnich air Redio na Gaidheal. Cothrom dhomhsa gus an “fòn glic” ù r agamsa a chleachadh. Chanainnsa gur e rud gu math neonach a th’ann a bhith eisteachd ris an reideo agus an uair a bhith a’ ghabhail pairt air fòn. ‘Se fuaim diofraichte a bhith cluinntinn agus air sgath’s gur e sin a chiad turas a rinn mi a leithid cha robh mi tuigsinn de bha direach a tachairt. Chuir RnG fòn thugam dà mhionhaid mus robh mi beo.

Thuirt mise gu robh mi caran amharasach nach robh ne ath-chuingean-E gu moran feum le daoine a gluasad bho duilleag iomairt dhan ath duilleag agus a’ briogadh air “like”. Nam bheachd sa cha bhi sin a chur moran dragh air an luchd-poiliteags. Co-dhui aig an ìre iondail a leithid Inbhir Narann agus bailtean beaga eile saoilidh mi gur e rud diofraichte a th’ann leis a h-uile iomairt air Facebook buailteach a bhith
fada nas soirbheachail agus pearsanta. Bha mi a-mach a-rithist air an latha an t-Sultain an uiridh nuair a thog muinntir Inbhir Narann na sràidean orra agus buaidh nach bu bheag a dh’adhbhraich sin air bus loma-lan Chomhairleachan o Inbhir Nis. ‘S ann follaisech a tha e ann a sheo ge-tà, chan eil na seann dòighean gus fianais a thogail  marbh buileach ann an Inbhir Narann. Bha na meadhan soisealta na phàirt den upraid co-cheangailte le Inbhir Narann a Deas ach bha coinneamhan, litrichean dhan paipear-naidheachdan, leintean-t agus tuilleadh eile ann cuideachd. Chan urrainn dhut Facebook agus Twitter a sheachnadh ge-tà agus iadsan cha mhòr na phàirt dhan a h-uile dhèanamh nar cuid bheatha làithel.