Cola-deug chudromach airson sgioba ball-coise Inbhir Narann

A-màireach bidh Keith a’ ceilidh oirnn agus iadsan san treas àite agus Inbhir Narann sa cheathramh àite. Didòmhnaich 21 bidh sinn san chuairt dheireannach sa chupa ceann a tuath aig sràid Grannd (‘s e dhachaigh Clach a tha sin) agus bidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall an aghaidh Caley Thistle.
A bharrachd air sin, Disathairne 27 bidh sinn uile a’ dol sios do dùn Èideann. Bidh Inbhir Narann a’ cluich an aghaidh Edinburgh City aig Meadowbank ann an cupa na h-Alba!
County Boys – air ais a-rithist!