Cola-deug chudromach airson sgioba ball-coise Inbhir Narann
A-màireach bidh Keith a’ ceilidh oirnn agus iadsan san treas àite agus Inbhir Narann sa cheathramh àite. Didòmhnaich 21 bidh sinn san chuairt dheireannach sa chupa ceann a tuath aig sràid Grannd (‘s e dhachaigh Clach a tha sin) agus bidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall an aghaidh Caley Thistle.A bharrachd air sin, Disathairne 27 bidh sinn uile a’ dol sios do dùn Èideann. Bidh Inbhir Narann a’ cluich an aghaidh Edinburgh City aig Meadowbank ann an cupa na h-Alba!
County Boys – air ais a-rithist!














Freagairtean:3
An do chaill an duine shuas an ceann aice ag cluiche ball-choise?
Obh! Obh!
B'àill leam :
"An do chaill an duine shuas an ceann aige ag cluiche ball-choise?"
sgrìbhachadh.
Tha mi duilich
Bhuannaich an duine bochd ud botail uisge-beatha as an raffle aig Meadowbank. Bha aige a thilleadha air an trèana ge-tà agus bha cus eagail air gun deanadh an t-uisge bheatha a' chuis air - leis a sin thug e dhan balaich le minibus e - iadsan ann an eiginn aig an àm ud: Edinburgh City 2 Inbhir Narann 0.
Daoine snoga a bh'annta shìos an sin - fìor luchd taic ball coise, feadhainn a bha le Meadow Bank Thistle FC mus do thàinig am fear-gnothaich a rinn Franchaise às a sin agus dh'imrich a h-uile càil do Livingstone. Bha fear an làthair le leinne T: Franchise Football, Never Forget, Never Forgive!
Gur math a thèid leotha san ath-chuairt an aghaidh Inbhir-Uige!!!
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh