Bidh Sainsbury’s a tighinn gu Inbhir Narann

Sa mhadainn seo thug a’ chomataidh dealbhaidh cead don iarrtas aig Sainsbury’s, chan eil a h-uile càil buileach rèite fhathast ach san fharsaingeachd chuir iad romhpa gur e rud math a th’ann gus a’ mhòr-bhùth seo a’ leigeil a-steach dhan bhaile. Bha feadhainn aig Comhairle na Gàidhealtachd a’ cumail a-mach gur e iomairt gu tur an aghaidh a’ phlana-ionadail a bh’ ann ach cha robh buill Inbhir Narann agus muinntir an àite a’ dol le sin idir. Thuirt iad gur e cuis-naire a bh’ ann gu robh aig muinntir Inbhir Narann a siubhail gu Inbhir Nis, Farrais, no eadhan Eilginn gus tagadh bidh agus bathair eile fhaighinn.

Bha an taigh-cùirte loma-làn agus cha robh a h-uile duine faighinn a-steach agus rinn feadhainn casaid dha na h-ùghdarrasan ach chum iad a’ dol leis a’ choinneimh a dh’aindeoin sin. Saoilidh mi gur robh bharrachd air ceud dhaoine san rum sin agus cha robh mòran dhiubh an aghaidh Sainsbury’s. Nuair a thug Sainsbury’s seachad oraid thug an sluagh bualadh-bhas gu mòr, mòr dhaibh agus nuair a bha an fheadhainn eile a’ bruidhinn bha iad a’ magadh orra.

Aig a cheann thall bhòt na comhairlich 12-2 gus cead a thoirt gu Sainsbury’s. Abair thusa gur robh fuaim bualaidh-bhas ri cluinntinn shìos aig a’ chala. Latha eachdraidheil do Inbhir Narann. Chan fhaca mi a leithid coinneimh a riamh roimhe ann an Inbhir Narann. Chan eil againn ann an Inbhir Narann ach Somerfields agus Co-op beag agus chan eil mòran daoine toilichte leotha idir agus tha dùil againn uile gum bi Sainsbury’s againn ann an ùine nach bidh fada. ’S ann mar sin a bha e an-diugh.

Saoil an cuir iad soidhnichean dà-chànanach an àirde?

Freagairtean:1

Aig 12:44 thuirt Blogger GunChleoc...

Ma bhios sibh airson soidhnichean dà-chànanach fhaighinn, carson nach sgrìobhaidh sibh do Sainsbury's fhèin. Innsibh dhaibh gu bheil ùidh gu leòr ann.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh