Ballerina Inbhir Narann – Taigh-dhealbh nan aisling le Tilda Swinton

Ach an-diugh tha rudeigin agamsa a tha comasach do uidh a thogail. 'S ann an Inbhir Narann a tha a’ bhan-actair Tilda Swinton a’ fuireach agus an ath mhios bidh ise a’ cur fèis filmichean air bhog, fèis ris an canar The Ballerina Ballroom Cinema of Dreams. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an làrach seo. Eadar an 15mh agus an 23mh den Lùnastal bidh filmichean ri fhaicinn gach latha agus cosgaidh sin £3 (no poca cèicean) gach turas – seadh poca cèicean, tha Tilda airson fèis caran diofraichte a chur air dòigh, fèis a chuireas a chùl ri mòran den stuth a tha ceangailte leis a leithid fèis san àbhaisteach. A nis criomagan a tha uabhasach fhèin inntinneach a thaobh Gàidhlig.
A-rèir coltais tha uidh aig Tilda sa Gàidhlig, seall air na duilleagan a tha ri fhaighinn ma ni sibh rannsachadh air Google ach feumaidh fios a bhith agad gur e cac a gheibh thu gu tric sna pàipearan naidheachd. Ach chan eil mi airson a ràdh gur e cac a sgrìobh Reuters. Seo na thuirt iad, agus tha an aon rud ri fhaicinn air an duilleig Albanach ann a sheo.
"Hollywood is built on Europeans," said Swinton. "Go back and look. I'm just really sad I couldn't give my speech in Gaelic. Don't tell everybody. We're everywhere."
B’ ann air cùlaibh an ard-urlar a bha sin. co-dhiù, saoil am biodh cothrom gus beagan gàidhlig faighinn a-steach don fhèis 'Taigh-dhealbh nan aisling' , soidhnichean da-chananach agus a leithid sin?
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh