La crise de l'esprit
Leugh mi rudeigin a chur nam chuimhne na sgrìobh Chuc agus Stefan air Tìr nam Blòg o chionn ghoirid. ‘S e eadar-theangachadh gu Beurla a bh’ann bho ‘La crise de l'esprit' (Èiginn na h-aigne) a chaidh a sgrìobhadh ann an 1919 le Frangach ris an canar Paul Valéry. Seo pìos dheth a chur mi gu Gàidhlig agus bheir mi an rabhadh àbhaisteach dhut: tha mi an dòchas nach eil cus mearachdan ann.
‘Cha b’ann an Elam, Nineveh agus Babylon ach ainmean àlainn neo-shoilleir, agus bha an leth sgrios a bh’ orra cho coma againn sa bha an dearbh bhith aca. Ach an Fhraing, Sasainn, an Ruis... bhiodh iadsan nan ainmean àlainn cuideachd. Mar an ceudna, ‘s e ainm àlainn a th’ ann an Luisitania. Agus tha sinn a’ faicinn a-nis, gu bheil domhainn gu leòr aig dubhaigeann na eachdraidh a dh’fhaodadh sinn uile a thoirt a-steach. Tha sinn mothachail gu bheil sìobhaltas dìreach cho lag ri beatha. Chan eil seachad thar tuigse a-nis, na suidheachan a chuireadh an cuid obrach aig Keats agus Baudelaire dhan aon staing sa tha sin aig Menander; tha iad rim faicinn sna pàipearan-naidheachd.
A bheil mòran diofraichte eadar na làithean seo ciamar a bha e ann an 1919 no 1965 no àm sam bith eile, am bi seòrsa ‘crise de l'esprit’ againn gu bràth siorraidh.

San aon dòigh a-rithist agus a-mach air an aon chuspair ann an 1965, seo tè àlainn aig a bheil guth àlainn.
Freagairtean:3
Dè sgrìobh sinn a chuir nad chuimhne an sgrìobhadair seo, a Ghraisg?
Sgrìobh thusa 'tha coitcheannas againn uile mar chinne-daonna' Dhomsa tha an toabh dorch den choitcheannas ud a'tighinn gu buil les a h-uile cogaidh a tha eadarainn agus bha Chuc a-mach air cogaidh eile. A bharrachd air sin bha dealbh alainn agad den chruinne-ce. Am bi an siobhaltas a th'againn a'dol fodha leis a leithid a bh' aca ann am Babylon?
Ò seadh. An-dà. Bidh mise a` siolpadh nan dealbhan as fheàrr a gheibh mi à làraich-lìn eile!
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh