Scottishblogs.com ga bhiadhadh le Tìr nam Blòg

Mothaich mi gu bheil Scottish blogs.com a’ gabhail a-steach ‘biadh’ bho Thìr nam Blòg. Sin thu fhèin ScottishBlogs.com 's e math a rinn thu! Tha sin uabhasach fhèin math nach eil? Tha a h-uile càil a sgrìobhas sinn a' nochdadh am measg na tha na blogairean eile ann an Alba a’ sgrìobhadh (sa bheurla). Leis a sin bidh daoine air loidhne a’ faicinn gu bheil Gàidhlig fhathast gu math beò.
Rudeigin eile, nach e math gu bheil Caoimhinn (Bard a’ Bhroadband) nar measg leis a bhlog ‘tha feum agam oirbh uile’ Fàilte chridheil ort a charaid! Sgrìobh thugainn, sgrìobh thugainn! Sgrìobh thugainn gun dail! Tha do chuid bhardach a' còrdadh rium gu mòr.

Freagairtean:1

Aig 13:01 thuirt Blogger Cam...

Mhothaich mi gu bheil ceangal aca ri Gaelcast cuideachd.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh