Teintean a' Cheitein 1968
'Les pluies d’août semblait avoir change les feux de mai en restes abandonnées sur là voirie.'
‘Bha e mar gum biodh coltais truileis gan chuir dhan t-sitig air teintean a’ Chèitein, as dèidh frasan an Lùnastail.'
Mìcheal de Certeau La Prise de là Parole 1968

Tha mi an dòchas gun do chuir mi deagh Ghàidhlig air sin agus nach d’rinn mi eadar-theangachaidh ro sgriosail. Ma dh’fhaoidte gum bhiodh beachd agaibhse leis a sin?
Tha mi a’ dèanamh cùrsa a tha air leth inntinneach aig Oilthigh Obar Dheathain a tha a’ toirt orm a bhith meòrachadh air cuspairean feallsanachd ceangailte ris an Fhraing. Feumaidh mi aideachadh nach eil mi a’ tuigsinn a h-uile càil ach tha e a’ còrdadh rium gu mòr, mòr. ‘S e ‘Contemporay French Thought ‘ a t-ainm a th’ air a’ chùrsa. Ma sheallas tu air na tachartasan ann am Paris (1968) agus ciamar a tha daoine a’ beachdachadh air sna làithean seo tha sin a’ toirt orm a bhith smaoineachadh ciamar a bhios muinntir an àm ri teachd a bhith saoilsinn oirnn ann an 2046. Cò aig a tha fios, ma dh’fhaoidte gum bi mi fhathast ann gus am bi faighinn a-mach!
Freagairtean:2
Inntinneach. A-reir choltais bha iomairtean den leithid a' tachairt an iomadh aite air feadh an t-saoghail. Seo fios air an uabhas a thachair am Meacsaco:
http://en.wikipedia.org/wiki/Tlatelolco_massacre
Feumaidh mi aideachadh s' toil leam gu mòr an graffiti ud ach tha e caran nas sìtheil air an traigh ann an Inbhir Narann :-)
ceangal? Chan eil fhios agam ach
'gheibh thu bàrdach air an t-sràid'
tha mi cinnteach às
'La poésie est dans la rue'
Tapaidh leat Alasdair 's e làrach air leth ann na siud.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh