Cuir an leinne-T ort!

Ma dh’fhaoidte gun do leugh thu e aig an Sunday Times, Uill a-nis a chàirdean, mu dheireadh thall tha cothrom agad an leinne-T a chur ort. Am faca tu am bùth aig Niall beag fhathast.
Chan eil mi cinnteach mu dheidhinn an tè eile ge-tà.
A bheil a leithid sin an aghaidh na feallsanachd ‘ceart gu poilitigeach’ Co-dhiù seo blas den stuth beagan nas laidire a tha aig Niall.

Freagairtean:4

Aig 10:04 thuirt Blogger Graisg...

Feumaidh mi aideachadh 's e rud a th'ann an sin nach e cho dona sa Bheurla:-)

 
Aig 10:46 thuirt Blogger Graisg...

Smaoin eile Alasdair, ma tha còig agad (chan eil mi a-mach air cànanan), càit a bheil an trì eile a th’agadsa? :-)

 
Aig 14:34 thuirt Blogger Titch...

Tapadh leat airson am "plug", a Ghràisg.
Có-dhiubh, chan eil an lèine "dà-chànan" anns mo làrach a-nise.
Cha robh móran daoine ag getting the joke, tha mi a' smaoineachadh. Bha lèine eile ann, "A bheil do chànan aig a' chat", ach cha tug móran gur e pun a bh' ann. Bha a h-uile daoine a' leughadh "cànan" mar language, ach bha mi a' ciallachadh language agus tongue.
Mar sin, chan eil mi gan reic fhathast.
Tha mi a' reic lèineichean eile....
NB.

 
Aig 13:36 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

A bheil thu cinnteach gur e "tongue" a` Ghàidhlig air "cànan"? `S e "teanga" a bh`agamsa riamh air, agus `s e sin an dà bhrìgh - tongue agus tongue(cànan). Tha "cainnt" a` ciallachadh "tongue" cuideachd san t-seagh "cànan".

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh