Tiugainn do na blogaichean, luchd-dùthcha!

Sin mar a eadar-theangaich mi an abairt a chunnaic mi air a’ bhlog fhrangach seo. ‘Aux blogs, citoyens !’ Dè ur beachdan? Tha an sgrìobhadair a-mach air ciamar a tha a h-uile càil ann an dearg staing sa Fhraing an-dràsta agus air sgath ‘s nach eil mòran cùisean cruthachail a’ dol air adhart tha ise/esan den bheachd gu bheil dòchas ri fhaighinn sna blogaichean.
Am bi na blogaichean a’ sàbhaladh na Fraing? Cò aig a tha fios ach saoilidh mi gum bi ùidh aig feadhainn ann a sheo air sgàth gu bheil beagan fraingis aig feadhainn ann an Tìr nam Blòg. Tha buaidh aig blogaichean ann an iomadh ceàrn sna làithean seo agus gun teagamh tha blogairean a’ faighinn an àite fhèin ri taobh nam meadhanan meadhan - sruith (main stream media?)

Freagairtean:2

Aig 02:28 thuirt Blogger Anndra Cook-Jolicoeur...

Halò!

Tha am blog ud às an Fhraing a nochdadh dhuinn gu bheil e ann a shin dìreach mar a tha e sa h-uile àit' eile: chan eil daoine a' faireachdainn gu bheil an riaghaltas aca fhèin ris an guth èisteachd.

Mar sin, tha teicneolas ùr, an eadar-lìn 's na blogaichean na broinn, a'toirt a' chothruim gu mòran dhaoine àbhaisteach am beachdan chur an cèill. Tha na meadhanan tradiseanta air a bhith mothachail dhan rud ùr sin.Feumaidh na luchd-poileataics an dearbh rud dhèanamh a-nis. Ach am bi iad? Air neo gu dè ìre am bi iad seo dhèanamh?

A rèir a h-uile coltais, chan eil mi eòlach gu leòr air an t-suidheachadh poileataigeach san Fhraing gus tuigsinn a h-uile rud air an robh an sgrìobhadair a-mach! (Abair briathrach a bha i!)

PS Chuir an sgrìobhadair ainm ris an teachdaireachd: 'Tatiana'.Mar sin dheth, 's e bana-sgrìobhadair a tha innte...

 
Aig 18:07 thuirt Blogger Graisg...

vTha mise den bheach gu bheil, gu simplidh, ‘s e air sgath ‘s gu bheil an Fhraing a’ fulang buaidh ‘Mondialisation’ gu cruaidh, an dà chuid a thaobh eaconamaidh na dùthcha agus cultar. Nas miosa buileach dhaibhsan tha sgaradh uabhasach eadar na ginealaichean. Tha cùisean fada nas doimhne na sin tha fhios agam ach ‘s e sin mar a tha mise ga fhaicinn co-dhiù.
‘S docha gum b’ fheàirrde na Frangaich a’ lorg fuasglaidh air na blogaichean na àite sam bith eile, gu h-àraidh am measg luchd –poileataics.
Agus tha thusa ceart Anndra tha daoine seach searbh sgìth le luchd-poileataics agus gu mì-fhortanach tha fhios againn na cunnartan an luib sin. Tha eagal orm gum bi cothroman ann airson iomairtean a tha aig iomall cèille agus reusan a bhith ga bhiadhadh.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh