Chaidh an doras a dhùnadh
Saoilidh mi gum bi sibh eòlach air Mòrag, rinn ise an cùrsa bogaidh ann an Inbhir Nis agus bha dùil aice a dhol air adhart dhan Chùrsa Chomais sa bhliadhna sgoilearachd 2006/07. Chan eil ach aon cnap-starra aice gu mì-fhortanach, fhuair Colaiste Inbhir Nis cuidhteas de na cùrsaichean Gàidhlig a bh’ aca. Chan eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn aig an ìre-se sa phrìomh bhaile na Gàidhealtachd a-nis.
Bidh an nighean aig Mòrag a’ dol dhan aonad Gàidhlig aig Millbank Inbhir Narann agus tha Mòrag an sàs den chòisir Ghidhlig Inbhir Narann agus a’ Chròileagan. Ma nochdas cothrom dhi a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig ri na Gaidheil agus luchd-ionnsachaidh eile anns a’ bhaile gabhaidh ise e. Nach e tàmailteach nach eil cothrom aice a thoirt a cuid fhoghlaim gu buil. Tha fhios agam gu bheil Bòrd na Gàidhlig againn a-nis agus tha pailteas cùrsaichean aig an t-Sabhal Mhòr agus tha iad a’ dèanamh film sa Ghàidhlig msaa, ach am biodh dòigh sam bith airson beagan taic a thoirt dhan a leithid Mòrag sa coimhearsnachd fhèin– tè a tha dèonach a thoirt a h-uile taic a ghabhas dhan a chanain, chan eil i a’ lorg ach a’ chothrom a bhith a’ gabhail pàirt ann an saoghal na Gàidhlig ann an dòigh èifeachdach.
A bheil sibhse ag aontachadh leam?
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh