Chuir a’ chomhairle choimhearsnachd pròiseact air dòigh agus chaidh an t-seann tobar seo a ghlanadh. Thug iad a-mach sgudal a bha mu chuairt an àite agus chuir iad leacan sìos. Saoilidh mi nach robh amas aca a bhith a’ cur air dòigh ionad-coisrigte ge-tà. Tha cuideigin a’ toirt ìobairtean dha na diathan a-nis. Taic airson nam pàganaich às na cìsean?
Àite brèagha a th' ann, a-rèir coltais! Ach an stuth "Wicca", hmm... 's e pàganach a th' annam-sa fhèin, ach na Wiccas, hmm... chan eil mi cinnteach dè mo bheachd mun deidhinn ;-)
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:2
Àite brèagha a th' ann, a-rèir coltais!
Ach an stuth "Wicca", hmm... 's e pàganach a th' annam-sa fhèin, ach na Wiccas, hmm... chan eil mi cinnteach dè mo bheachd mun deidhinn ;-)
Seadh, Mona, nach do thog iad sop às gach seid? Saoilidh mi gum bi buidheann beag dhiubh sa bhaile a-nis.
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh