Cathair bhaile mar bhaile mòr sam bith eile?

‘S e cathair bhaile a th’ ann gu dearbh agus tha i a’ fàs aig astar a tha iongantach. ‘S math gu bheil e ag ràdh ‘Inverness Bus Station’ air an togalach air sgath ‘s, dhomhsa co-dhiù, chan eil mòran den ailtireachd diofraichte bhon ailtireachd ùr ann an àite sam bith eile ann an Alba no Bhreatainn. Chì thu togalaichean ùra a’ dol suas aig cùlaibh an stèisean cuideachd. Bha grunn luchd-turais san àite, a’ tighinn dhan ghàidhealtachd no a’ falbh. Shaoil mi nach bochd nach eil ‘Stèisean nam busaichean’ sgrìobhte os cionn na beurla. Tha mise làn den bheachd gu bheil a' chuis buileach cho simplidh ris a sin. An uairsin coma leat an ailtireachd: cha bhiodh teagamh sam bith aig a h-uile neach-turais gu robh iad air tighinn gu àite a bha caran diofraichte agus nach e sin amas aig mòran dhiubh?

Freagairtean:2

Aig 10:21 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Dè tha iad a` togail air cùlaibh an stèisein, Des? An e taighean-còmhnaidh a th`annta?

 
Aig 10:51 thuirt Blogger Graisg...

Tha amharas agam gum bi iad a’ togail taighean-còmhnaidh Steafain, chan eil mi cinnteach ge-tà, ach am biodh bùthan air choireigin aig a bhonn? Chaidh taighean-còmhnaidh air an thogail air taobh eile ‘Charlie’s café’, ‘s e togalach ùr a th’ann an café Tearlaich a-nis cuideachd agus feumaidh mi a ràdh ged’s a tha mi a’ càineadh mòran a tha a’ dol air adhart ann an Inbhir Nis, s’ toil leam an café ùr sin , an dà chuid a thaobh ailtireachd agus biadh, seachad air am fear aig Asher’s taobh a-staigh staisean nam busaichean. Ged’s a tha togalach ùr a th’ ann tha caractair-fhèin aige agus tha e a’ cumail beagan den spioraid an t-seann café beò. ‘S bochd nach eil dealbh agamsa agus cha robh rannsachadh air google dealbhan gu mòran feum idir.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh