Bha e cho fuar ris a’ phuinnsean ach bha e grianach
Uill cha chreid mi nach bi sibh seachd searbh sgìth a-nis le dealbhan bho Inbhir Narann fo shneachd ach ‘s e sin fear eile dhut. Dh’ fhuirich mi aig an taigh an-diugh. Bha am poileas air an rèidio a-mach air ciamar a bu chòir dhut a bhith a’ fuireach aig an taigh mura robh an turas agad cudromach. Uill tha Gàidhlig cudromach nach eil ach tha pailteas ri leughadh chez-moi an dràsta agus mar sinn cha deach mi gu Obar Dheathain air an trèana aig 0900 ged’ s a bha e a’ ruith mar bu chòir. Aig dà mhionaid as dèidh na h-uaireach fhuair mi brath bhon oilthigh, ‘Cha bhi clasaichean ann an-diugh.’ Uill rinn mi deagh cho-dùnadh gun teagamh.
Thug sin cothrom dhomh a dhèanamh sgrìob siud ‘s seo a’ togail dealbhan. Tha mi duilich ach bha sin toradh dhith, nach bòidheach an stèisean fo sneachd agus leis a’ ghrian a’ deàrrsadh? Uill sin agad e bhuamsa a-nochd bhon phrìomh bhaile nam blogaichean Gàidhlig, bidh mi air ais le tuilleadh dealbhan den aon gné a-màireach.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh