Beatha, an cruinn-cè agus Savegaelic.org
Leugh mi an sanas air na Fòrams SG an t-seachdain seo chaidh airson casino didsiotach agus Poker agus nach robh a’ chiad cheud dolairean taobh a staigh an t-àite ud gad thairgsin saor an asgaidh dhut mar ghibht: ‘S e gibht a th’ ann an sin a chuireas iomadh beatha a sgrios saoilidh mi. Nuair a bha mi anns an arm chunnaic mi beatha charaid agam a’ tuiteam a-mach às a chèile air sgàth ‘s cheàrrachas agus a bharrachd air sin dh’ ionnsaich mi ciamar a tha Poker buailteach droch rùn a thogail sa h-uile ceàrn . Leis a sin sgrìobh mi air a bhòrd bhrath: ‘tha mi duilich, ach tha mi a-mach a seo.’
Theich mi gu dearbh agus s’ dòcha gum bi an sgeulachd seo a’ mìneachachadh dhut barrachd air mo phearsa fhèin na tha e air na Fòrams aig Savegaelic.org. Tha deagh cheist eile ri fhaighneachd: ‘Carson nach do rinn thu gearrain ro-làimh a thaobh an sanas airson Ladbrokes?’
Uill tha coltas air an sanas ud dìreach mar a tha e air a’ bhùth aca air an t-sràid àrd. Faodaidh tu ga sheachnadh agus chan eil duine sam bith na sheasamh taobh a-muigh a’ feuchainn ri $100 a thoirt dhut airson do thighinn a-steach.
Mar sin rinn mi co-dhùnadh sa bhad nach robh mi deònach a’ cumail orm mar moderator agus leis na chunnaic mi sa mhadainn seo air an làrach SG feumaidh mi a ràdh gur e deagh cho-dhùnadh a rinn mi. Ged’ s a tha mi fhathast a’ nochdadh air na fòrams mar moderator chan eil mi deònach a bhith ceangailte ris ann an dòigh sam bith agus chur mi teachdaireachd ga mhìneachadh dhan ‘owner’ an t-seachdain seo chaidh cuideachd.
Bha cuisean eile a’ cur dragh orm a thaobh SG agus bha h-amas agam a bhith a-mach air sin ach chan eil e cudromach a-nis. Tha an làraich ud ri reic. Cha cheannaicheadh mise e.
Theich mi gu dearbh agus s’ dòcha gum bi an sgeulachd seo a’ mìneachachadh dhut barrachd air mo phearsa fhèin na tha e air na Fòrams aig Savegaelic.org. Tha deagh cheist eile ri fhaighneachd: ‘Carson nach do rinn thu gearrain ro-làimh a thaobh an sanas airson Ladbrokes?’
Uill tha coltas air an sanas ud dìreach mar a tha e air a’ bhùth aca air an t-sràid àrd. Faodaidh tu ga sheachnadh agus chan eil duine sam bith na sheasamh taobh a-muigh a’ feuchainn ri $100 a thoirt dhut airson do thighinn a-steach.
Mar sin rinn mi co-dhùnadh sa bhad nach robh mi deònach a’ cumail orm mar moderator agus leis na chunnaic mi sa mhadainn seo air an làrach SG feumaidh mi a ràdh gur e deagh cho-dhùnadh a rinn mi. Ged’ s a tha mi fhathast a’ nochdadh air na fòrams mar moderator chan eil mi deònach a bhith ceangailte ris ann an dòigh sam bith agus chur mi teachdaireachd ga mhìneachadh dhan ‘owner’ an t-seachdain seo chaidh cuideachd.
Bha cuisean eile a’ cur dragh orm a thaobh SG agus bha h-amas agam a bhith a-mach air sin ach chan eil e cudromach a-nis. Tha an làraich ud ri reic. Cha cheannaicheadh mise e.
Freagairtean:6
Graisg,
Ciamar a tha sibh? Tha mi OK..Graisg, tha mi duilich. Tha mo googlegroup agus mo blog.: http://groups.google.com/group/Learners-Gaidhlig
http://macchapa.blogspot.com/
tioraidh an-dràsta, ok?
Máirín aka ''mrs_muir''
forum a ur (from Mac an Toisich:)
http://www.activeboard.com/forum.spark?forumID=76107&subForumID=221256&action=resendConfimation&memberID=331344
Sgrìobh mi air an Fhoram sin:
‘S math a rinn thu Mac T, mar a thuirt am fear eile, ‘sin thu fhèin’. Dhomhsa ge-tà chan eil mise cinnteach dè an dòigh as fheàrr air adhart airson luchd-ionnsachaidh air loidhne, uill an fheadhainn a tha lorg rudeigin fosgailte 24/7. Bha beagan deasbaid inntinneach a’ nochdadh air iomairtean Gàidhlig thall ann an Yahoo.groups. Thog mi beagan dhith agus cuiridh mi aig bonn an teachdaireachd seo e.
Bu chòir dhuinn a’ dol air ar socair airson greis bhig saoilidh mi. Feumaidh mi a ràdh cuideachd chan eil mi cinnteach ma bhios mi deònach mòran taic a chur dhan dad sam bith eile. Bha stuth eile a chur dragh orm aig SG mus do nochd na sanasan airson a’ Chasino ud agus shaoil mi a-nis gur e àm nàdarrach a’ bh’ ann a sguir dhith mar mod. Bi mi gu math trang ann an tìrnamblòg.com ge-tà, rudeigin a thàinig a-mach air na blogaichean a chaidh a chur air bhog le daoine a fhuair earbsa a bhith sgrìobhadh beagan anns na Fòrams aig SG agus a’ bhòrd bhrath eile aig Schottisch-Gaelisch. ‘S e sin an seòrsa àrainneachd a dhith oirnn. Tha an eadar-lìn a ‘toirt cothroman gu leòr airson luchd-ionnsachaidh a’ stiùir gu h-ìre fileantach agus ma bhios sinn deònach a chumail a’ dol le rudeigin dhen leithid sin feumaidh sinn a bhith cinnteach mu a dheidhinn. Ma bhios rudeigin tighinn a-mach bhon SG, bidh sin gur e a’ dearbhachadh gu bheil feum aig mòran den luchd-ionnsachaidh a bhith ceangailte ri rudeigin a bhios eadar-nàiseanta agus a bhios fosgailte a h-uile latha. Tha feum aca a bhith ‘inter-active’ mar a chanas iad.
Chan eil fhios agam dè thachras a-nis ach co-dhiù, seo beagan deasbaid a chunnaic mi an diugh…………………………………………….
Tha am balach Astrailianach aig a bheil www.savegaelic.org gu ruige seo
airson a reic, a-rèir coltais. Tha e ag iarraidh $6000 air a shon, tha sin
rud beag èibhinn...
http://www.sedo.com/search/details.php4?tracked=&partnerid=16080&language=us
&domain=SAVEGAELIC.ORG
Leis an fhirinn innse, bha mi an còmhnaidh dhen bheachd gur e ainm uabhasach
gòrach a tha ann, 'sa Bheurla. Is dòcha gum bi e air falbh a dh' aithghearr.
Cò chuireas suas làrach ùr le www.suasleisaghaidhlig.xxx no rudeigin mar
sin? ;-)
Mona
Cha chreid mi gu bheil an àrainn .xxx ri fhaighinn fhathast ; )
Ach bhiodh sin caran snog is snasail, àrainn .xxx airson làrach Ghàidhlig!
Am Mìcheal Eile
Deagh bheachd Mhona, tha cruaidh fheum air a leithid airson luchd-
ionnsachaidh. Tha feum air mods seadh ach nam biodh e fosgailte do
dhuine sam bith freagairt a chur a-steach nan robh iad comasach,
bhiodh e ag obrachadh gu math saoilidh mi.
Am bu chòir dha a bhith sna làmhan Cli no buidheann sam bith eile ge-
tà an àite an roinn phrìobhaideach? Ach bu chòir e a bhith fosgailte
24/7 mar a bha SG agus am bòrd brath Deutsch/Gaelisch. Saoilidh mi.
`S e mo bheachdsa co-dhiù.
Mar sin leibh an dràsta
Nai347
Cho fad 's a tha fios agam, cha deach aig buidheann oifigeal a-riamh
rudeigin mar sin a chuir air dòigh... nach robh bòrd-bràth / forum aig
CLI uaireigin? Bha e dùinte fad na h-ùine. Agus bha an cruth gu math
seann-fhàsanta.
Cha bhitheadh e doirbh idir bòrd-bràth math, ùr, luath, freagarrach a
chur air dòigh. Tha am bòrd aig Mìcheal (Deutsch/Gaelisch) a' ruith gu
math soirbheachail. Agus le cuideigin le comas PHP / SQL bhitheadh e
fiù 's nas fhasa, chan fheumar bòrd deiseil bho chompanaidh air
choireigin ma-tha ach 's urrainnear bòrd a chur ri chèile. Tha cuid
charaidean agam a' ruith bùird mar sin airson cùspairean eile.
Agus tha mi gu math cinnteach gu bheil daoine freagarrach gu leòr ann,
sgapte ann an "Tìr nam Blog", na liostaichean post-d agus àitean eile,
aig a bhitheadh comas sùil a thoirt air bòrd-bràth mar sin, le
comhairle is freagairtean. Tha na liostaichean post-d uabhasach fhèin
feumail, ach na laithean seo tha mòran daoine dhen bheachd gu bheil
bòrd-bràth / forum nas fheàrr.
Dè ur beachdan?
Mona
Hai,
Ciamar a tha sibh a Graisg? It is good to see you on Mac's forum posting again. Graisg, I put together a temp/emergency site, and not sure how it will go over. I think a lot of the folks on SG were more than just posters; some us have become friends. So I hope that the ones who actually do care about some of the others stick together? Here it is: will you give me comments? mar sin leibh an-dràsta, Máirín
http://pub24.bravenet.com/forum/2023133023/
Feasgar math Mhàirin ,
‘S math a rinn thu, gu mi-fhortanach chan eil ùine agam a bhith leantainn a h-uile càil a tha a tachairt a-nis tha mi dìreach den bheachd gum bu chòir dhuinn uile a bhith feitheamh greis agus smaoineachadh mu a dheidhinn mus cuir sinn dad eile air dòigh.
Mar sin leat an dràsta
Is their an agreed new Gaelic froum after the closure of the save gaelic forum??
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh