Cairt-phuist à Inbhir Nis

Uill rinn sinn sgrìob gu Inbhir Nis an diugh agus shaoil mi gum biodh ùidh agaibh mu dheidhinn tachartasan sa bhaile mhòr. Uill ma bhios beagan airgid nad phòcaid agus thusa deònach cuidhteas faighinn dhith bidh taghadh dìreach mìorbhailteach agad ann an Inbhir Nis sna làithean seo. Tha Tempall spaideil ùr ris an canar ‘Eastgate 2’ a tha toirt sàr urram do na diathan calpachais. Bha e tàmailteach dhomh mo mhàileid fhosgladh ach nuair a chunnaic mi ‘The Essential English-Gaelic Dictionary,’ air na sgeilpean dh’ fhalbh mo chiall agus nach do cheannaich mi e agus leabhar eile cuideachd: ‘Oatmeal and the Catechism’. Uill sin seachad, chaidh sinn am broinn Marks and Sparks’ agus feumaidh mi a ràdh nan robh e tàmailteach dhomh sa bhùth nan leabhraichean a bhith caitheamh airgid bha e fada nas miosa ann an Markies, chan eil air adhbhar airgid ach air sgath ‘s na boireannaich ‘blue-rinse’ a bha ruith mu cuairt an àite leis na trollys aca. Bha e nas cunnartach na na sràidean Inbhir Narann fon ghealaich làin. Bha coltais fiadhaich borb air a h-uile tè aca, bha eagal oirnn gun tuit sinn fo na cuibhlean agus cha bhiodh iad a’ sealltainn tròcair sam bith.Ghluais sin gu pàirt eile den ‘Eastgate Centre a bha fada nas sàbhailte dhuinn agus mothaich mi gu bheil am baile Inbhir Nis a’ dèiligeadh leis na h-eucoraich mu dheireadh thall, gu h-àraidh a leithid a tha feuchainn ri bhriseadh a-steach taighean ann an teas meadhan na h-oidhche. Tha iad gan taisbeanadh ann an àiteachean poblach far am bi iad nan cùis-mhagaidh dhan t-sluagh. Thog mi dealbh fear aca air ur son.
‘S bochd nach eil na ròpan ud mu cuairt a amhaich, nach e? Bu chòir Inbhir Narann a bhith leantainn an nòs seo leis na blaigeardan a tha briseadh botail Buckfast air sràidean ar baile àlainn. Chan eil mi cinnteach idir mu dheidhinn a’ bhathair ri fhaighinn am bliadhna, gu àraidh an stuth airson cloinne. . Dè fon ghrèin feum againn air cait plastaig bomair fhèin-mharbhtach mar eisimpleir?
Dhomhsa tha dòighean a’ bhaile mhòr gu tur neònach agus bha mi toilichte nuair a thill mi dhachaigh. Uill sin agad e chàirdean an sgeulachd agam air dè chunnaic mi sa bhaile mhòr.

Nollaig chridheil agus bliadhna mhath ùr dhuibh uile. ‘À la prochaine’ mar a chanas iad. ;-)


Freagairtean:1

Aig 14:40 thuirt Blogger Helena Gowan...

tapadh leat, a Ghraisg, airson cairt phuist àlainn! Cha bhi thu a'brist dùil a-riamh ach bidh thu barraichte air an ath-naidheachd.

chan eil èiginn ann idir, hehe.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh