Ciaradh an fheasgair

Chaidh mi taobh a-muigh am feasgar seo agus thog mi dealbh aig deireadh latha a bha uabhasach fhèin ciùin. Aig an àm seo an t-seachdain seo chaidh bha mi a null aig a’ chèilidh san talla choimhearsnachd. ‘S e cèilidh air leth soirbheachail a bh’ ann agus bha barrachd air dà cheud an làthair agus am measg an àireamh sin bha dròbh mòr chloinne mun cuairt. ‘S e cèilidh airson airgid a thogail airson a’ chròileagain a bh’ ann ach bha fhios aig a h-uile duine gur e cothrom a bh’ann a bhith leigeil an taic dhan amas aig na pàrantan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig faighinn ann an Inbhir Narann. Cha do nochd a’ ghaisgeach ud Comhairliche Iain Mac Mhathain ach bha fear eile ann leis an nighean aige agus ‘s e deagh mhanadh a bh’ ann an siud saoilidh mi. Bidh esan air faicinn dè cho làidir ‘s a tha an taic airson a’ chànain ann an Inbhir Narann agus cuiridh e fios air an triùir comhairlichean eile. Chì sinn dè thachras, ach co-dhiù, chòrd an cèilidh rium gu mòr agus dh’fhalbh a h-uile duine ann an deagh shunnd.

Freagairtean:1

Aig 23:18 thuirt Blogger mona...

awww, abair dealbh àlainn. chan fhaicear dol-fodha na grèine coltach ri sin ach 'sa gheamhradh... na dathan làidir seo. a bheil fhios agad dè bhitheas iad ag ràdh mu dheidhinn sin an-seo 'sa ghearmailt? "tha na h-ainglean anns an iarmailt a' dèanamh bèicearachd na nollaige" ;-) uill, chanadh mo mhàthair sin co-dhiù nuair a bha mi beag :-D
mona

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh