Smuain na maidne
Madainn mhath a chàirdean
Rinn mi sgrìob air baidhsagal mu chuairt na h-aibhne an dè ‘s nuair a thàinig mi dhan àite ris an canar ‘The Jube’, ‘s e sin an drochaid a chaidh a thogail aig àm Jubilee air choireigin. Bha agam tighinn a stad ‘s a choiseachd . Bha botail air a bhriseadh air meadhain an drochaide. Bha na spealgan uaine a’ deàrrsadh sa ghrèin. Thug sin barrachd fianais den sàr obair nam manaich o Bhuckfast Abbey shìos ann an Devon. The fèill mhòr air an fhìon-ìocshlaint aca ann an Inbhir Narann nar lath-ne. Tha làraidh mhòr a’ tighinn dhan Haddons gach madainn Diluain ‘s cha bhi e fada gus am bi feum air fear eile cuideachd. Tha na manaich ‘s Haddons a’ dhèanamh deagh airgead às.
Tha làrach-lin spaideil aig na manaich, tha e ag innse dhut a h-uile càil mu dheidhinn an dòigh-bheatha aca ‘s feadhainn de na gnìomhachasan a tha iad a ruith. Chì thu dealbhan brèagha dhen fhìon ‘s an abaid aca. Uill ma tha dealbh sonas aoghaireil nad inntinn, tha mi duilich, feumaidh mi dha bhriseadh. Chunnaic mi le mo shùilean fhèin factaraidh shìos ann an Lunnainn, air cùl-shràid Fulham far a bheil am ‘Bucky’ ga dhèanamh. Troimh na geataichean chunnaic mi mòran daoine ag obair ‘s mar a bhiodh dùil agad ann an Lunnainn, bha iad as na ceithir ranna ruadha agus cha robh aodaich manaich air duine sam bith. Bha fork-lifts agus làrràidhean a’ gluasad siud’s a seo ‘s bogsaichean tighinn a-mach as na toglaichean. Bhon àite sin bha na manaich a’ sgapadh dorchadas air feadh an dùthcha. Saoilidh mi ma tha botail sam bith shìos aig an abaid cha bhith e ach airson ìocslaint aig àm bracaist.
Tha na manaich ag àicheadh gu bheil iad a dhèanamh dad sam bith ceàrr. Cha do ghabh iad suim nas mò nuair a chaidh a’ cheist a thogail sa phàrlamaid. Tha Buckfast a’ dhèanamh sgrios sna coimhearsnachdan againn ‘s a’ lobhadh nan inntinn dhe na truaghain a tha an sàs dhith.
Chan eil na manachan a’ dèanamh obair Chrìosd. S’ e sin an co-dhùnadh chun a tàinig mise.
Tha fhathast began ùine air fhàgail, tha cothrom againn ar coimhearsnachdan a shàbhaladh bhon olc seo. Tha an abaid Bhuckfast air an abhainn Dart faisg air a’ mhuir. ‘S e leigheis seann-fhaiseanta a dhìth oirnn. Chan eil againn ach bìrlinn a chur sìos dhan chosta taobh a’ deas Devon ‘s cèilidh a chur air na blaigeardan.
Beannachd leibh

Freagairtean:2
O Thighearna! Uisge-bàis a-rithist! :-)
a bheil thu ri "viking", mar a chanas iad anns na seann laithean ann an lochlann? ;)
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh