Rinn an aimsir a dìcheall ri bhith fuar a-nochd ach cha d’rinn e a’ chùis. Cha robh e mi-chomhfhurtail air an tràigh agus ged ‘s a bha an solais a’ ghèilleadh gu math tràth cha robh e a chuir mòran dragh air muinntir Inbhir Narann. Tha a' mhòr chuid den luchd-turais uile air falbh a-nis ‘s cha robh ach feadhainn a’ gabhail sgrìob. Ach cha robh mòran ùidh aig na eileamaidean co-dhiù, bha na speuran, an talamh ‘s a’ mhuir a’ cabadaich ri chèile gun suim sam bith aca oirnn. Tha biastagan gu leòr a nochdadh fhathast air sgàth ‘s chan eil sgeul den reothadh. ‘S e ionmhas sònraichte a th’ann a h-uile pìos datha a-nis. Chan fhada a mhaireas iad ach chan eil sin mar a tha cuisean a’ faireachdainn dhuinn fad’s a tha a’ ghrian a-mach ‘s a ‘ tilgeil boillsgidh no dhà dòchais oirnn.
Halò a Ghraisg! 'S urrainn dhomh blogaichean fhaicinn a-nis!!! :) Tha dealbhan inntinneach agaibh!! Agus tha e inntinneach ur blog a leughadh, ged nach eil mo Ghàidhlig cho math ri agaibhse! :)
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:2
WOW! Abair dealbh (traigh) 's toigh leam sin gu mòr. Dìreach sgoinneil!
Halò a Ghraisg!
'S urrainn dhomh blogaichean fhaicinn a-nis!!! :)
Tha dealbhan inntinneach agaibh!! Agus tha e inntinneach ur blog a leughadh, ged nach eil mo Ghàidhlig cho math ri agaibhse! :)
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh