Chruinnich an sluagh-fhianais
A rèir coltais bha bharrachd air 10, 000 an làthair. Chruinnich an sluagh-fhianais taobh a-staigh an ospadal sa phàirc nan chàraichean. An rud as iongantach den ghnothach? Chan eil ach 20, 000 a tha a’ fuireach sa bhaile! Thàinig mòran a-steach bhon sgìre air timcheall gu dearbh ach, air latha a bha bog bog fliuch, abair sluagh!
Chunnaic mi seo shìos ann an Sasainn, ann an àite ris an canar Stamford. Dè a bha a leithid de dhragh a’ cur air muinntir an àite? Bha na ughdarrasan airson an ospadail a dhùnadh sìos ‘s thug iad na sràidean orra nam mìltean. Bha pìobaire òg aig cheann a’ mhèarrsaidh airson greis ‘s an uair sin sheas aig oisinn ‘s chluich e a dhìcheall gus an robh a h-uile duine seachad. Ghabh iad 25 mionaidean gus an robh iad uile air an slighe. Bha iad fhathast a’ sruthadh tron phrìomh sràid nuair a thill an ceann aca dhan ospadal. Cheangail mòran eile iad shìos anns a’ bhaile fhèin. Cha robh an t-uisge trom na bhriseadh-dùil dhaibh ann an dòigh sam bith. Bha pailteas uisge sna speuran gun teagamh ach bha eachdraidh a’ crochadh san èadhar cuideachd.
‘Chan eil riaghaltas no righ, nas làidire na spioraid nan daoine.’

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh