Còmhradh eadar-nàiseanta sa Ghàidhlig saor an asgaidh.

Chuir mi am prògram ‘Skype’ air a’ choimpiutar agam agus greis às dèidh sin bha mi a’ bruidhinn le Chuc ann an Alasca ‘s Janni agus Mona anns a’ Ghearmailt. Bha triùir bruidhinn ri chèile aig amannan ‘s bha na guthan aca dìreach mar gum biodh thu ag èisteachd ris an rèidio. Bha Skype furasta luchdachadh (tha am prògram saor an asgaidh cuideachd). ‘ Se pìos teicneòlais anabarrach math a th’ ann ‘s mholainn gu dearbh e.
Tha fhios agam uaireannan nach eil a h-uile càil mar bu choir nuair a chuireas sibh stuth ùr air an t-inneal agad ach le Skype tha cothrom agad a bhith faighinn còmhradh sa Ghàidhlig aig àm sam bith ‘s bho àite sam bith. Tha am prògram ga fhosgladh ann an uinneag a leithid ‘microsoft messenger’ agus ma tha thu cleachdte ri sin cha bhiodh trioblaid sam bith agad le Skype

Freagairtean:1

Aig 14:05 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Tha mi air Skype fhaighinn cuideachd, Steafan28 an username agam, bu mhath leam bruidhinn ri daoine sa Ghàidhlig. Mar sin, thig a chabadaich rium!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh