A bheil deamocrasaidh marbh anns a’ Ghaidhealtachd?

Tha an cuthach air Roddy Balfour, tha esan na chomhairle airson Àird nan Saor ‘s Cruaidh faisg air Inbhir Nis agus tha e a’ cumail a-mach gu bheil deamocrasaidh gu tur marbh sa Ghaidhealtachd. Thuirt e dhan a’ Phress & Journal: ‘Tha poileasaidh air òrdaicheadh leis na h-oifigearan. Chan eil iad deònach a’ gabhail ris argamaidean eile. Chan eil iad deònach a’ gabhail ris deasbad ciallach no beumach.’
Tha droch bharail air a thaobh na comhairlean eile: ‘Chan eil fear aca a’ fìor dhèanamh mòran de thabhartas dòchasach. Chan eil sin mar bu chòir ach chan eil na buill airson a’ seasamh ‘s a’ trod ris na daoine seo.’
Tha Mgr Balfour a-mach air na molaidhean airson baile ùr a thogail aig Tornagrain faisg air a’ phuirt-adhair Inbhir Nis. Taobh a-muigh Comhairle na Gaidhealtachd fhèin tha e doirbh a bhith faicinn guth a tha ag aontachadh leotha. Chì thu a h-uile latha iomraidhean a leithid: ‘S e smuain cracte a th’ ann.’

A bheil a’ choimhearsnachd air fad deiseil airson armachd a thogail? Armachd an aghaidh an dearbh buidheann a bu chòir a bhith gan cuideachadh ‘s gan riochdachadh ann an dòigh fada nas fhreagarraiche?

Freagairtean:1

Aig 23:31 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Leugh mi an naidheachd mun bhaile ùr a thathar an dùil a thogail, agus 's e a' chiad smuain a thàinig a-steach orm, cò às an tigeadh na 10 000 daoine 'son am baile sin a lìonadh? 'Eil iad airson na daoine tha fuireach ann mar-thà a phutadh a-mach?

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh