Ma tha sinn fortanach...

Faisg air an t-àite seo thachair mi air càraid àisianaich mheadhan aosda . Bha iad air an socair a’ gabhail sgrìob air a’ Chanàl Leeds ‘s Liverpool. Cha robh màileadean-droma orra oir cha robh iad a’ dol ro fhada. Thòisich an duine a’ bruidhinn rium.
‘Eh up, that’s a big pack you have, ’ow far are you going?’ Bha dual-chainnt Siorrachd York dìreach sgoinneil air. Bha mi bruidhinn riutha còig mionaidean mus chùm mi orm a’ coiseachd air mo shlighe. Thàinig iad bho Skipton ‘s b’abhaist dhaibh a’ bhith air a’ phàirt ud den chanàl aon turas gach seachdain. Dhomhsa bha iad dìreach mar pàirt den àrainneachd, cho ‘Yorkshire’ sa ghabhas; daoine coir ‘s càirdeil ‘s cho Sasannach ri dad sam bi eile ri fhaighinn san sgìre, na dathan beothail air aodaich a’ bhoireannaich cho àlainn ri cuid den dathan nam bataichean-fada air an ceangailte ri taobh a’ chanàl.
Aig an aon àm began astar air falbh ann an Leeds bha buidheann bheag de cheannairc a’ dèanamh deiseil. B’ e Àisianaich Breatannach eile a th’ annta ach ged’ s a bha iad san aon Siorrachd ris an dithis a bha mi air bruidhinn ris, bha an sgioba sin a’ fuireach ann an t-saoghal eile: saoghal a chaidh às a chiall le gràin, creideamh ‘s creud. Chaidh am marbh leis a’ mheasgadh ud fada mus do chuir an cuid spreadhaidhean às a chèile iad. Cheannaich iad na ticeadan ‘s sna trèanaichean fo thalamh thug iad orra brochan a dhèanamh, brochan de fhuil, chnàmhan, mhetailt ‘s fhèith.
Cia mheud eile a tha nar measg? Cia mheud a th’ ann fo smachd den aon gnè de smaointinn cumhang is cunnartach. Cia mheud eile a tha dèanamh deiseil? Cia mheud stoirmean casgairt air fàire?
Tha mi an dòchas nach d’ rinn iad cus cron, tha mi an dòchas gum bi a’ chàraid ud fhathast a’ coiseachd air a’ chanàl gach seachdain ‘s gum bi iad sàbhailte bho ghràin-chinnidh ‘s amharas sam bith. Tha mi an dòchas gum bi iad nan suain gach oidhche gun eagal.
Ma tha sinn fortanach cumaibh sinn greim oirnn fhèin ‘s ar sìobhaltach