J'ai une vie
Bha agam ri coiseachd air pàirt den Chànal a tha a ruith eadar Leeds agus Liverpool. Chunnaic mi sreath de bhàtaichean-fada ‘s bha fear aca a’ dol ris an canar ‘ J’ai une vie.’
Beagan às dèidh sin stad mi fo sgàil drochaid air a’ chanàl nuair a thoisich uisge trom a dòrtadh mu dheireadh thall. Bha sgòthan dorcha air a bhith crochadh os mo chionn fad na maidne ‘s bha mi gu math taingeil a bhith gabhail fois fad’s a bha an t-uisge ann.
Thàinig bodach den sgìre sìos fo an drochaidh a’ lorg àite tioram cuideachd ‘s chuir mi ceist air mu dheidhinn a’ bhàta.
“A bheil muinntir an Fhraing air a' bhàta ‘J’ai une vie.”
“Chan eil idir,’ fhreagair e, ‘ach tha sgeulachd gu math inntinneach mu a dheidhinn ma tha ùidh agad?” lean e air.
“Gu dearbh tha ùidh agam,” arsa mise.
“Uill tha duine a’ buntainn den dearbh sgìre seo a tha a’ fuireach air bòrd. B’ àbhaist dha a bhith fuireach ann an taigh mòr dhà mìle air falbh. Aon oidhche thuirt a bhean ris: ‘Thalla ‘s faigh beatha.’ Uill dh’fhalbh e ‘s beagan as dèidh sin cheannaich e am bàta ‘s chuir e ‘Jai une vie’ air a thaobh mar seòrsa teachdaireachd dhan bhean aige.” Thàinig gàire bheag gu a bhilean ‘s bha an sgeulachd seachad.
Bha ceist eile agam ge-tà: “Dè mu dheidhinn a bhean, an d’ fhuair ise beatha cuideachd?”
“Tha ise fhathast san taigh mòr ‘s tha coltais toilichte oirre cuideachd.” Ars am bodach rium.’

Freagairtean:1
nach bòidheach a tha na bàtaichean seo. abair sealladh snog! bu toigh leam-sa saor-laithean air bàta mar sin, bha daonnan dùil agam rud mar sin a dhèanamh... :)
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh