Cus ùine air loidhne

Chan eil samhradh againn ri fhaicinn gu buileach fhathast ‘s tha an t-uisge ann. Dhòirt an t-uisge na thuiltean ‘s chuir sin lighe air an abhainn. Saoilidh mi gu bheil an seòrsa samhraidh seo na h-àbhaisteach a nis. Cha deach mi a-mach mòran idir, idir: dh’ èisd mi ri RnG ‘s lorg mi pìosan html air loidhne airson nam blogaichean.
Uill tha a h-uile càil agam a-nis, fiù’ s inneal-rannsachaidh dìreach airson a’ bhlog seo. Thòisich mi bùth cuideachd ‘s tha mi glè thoilichte a ràdh gum faigh thu lèintean-T ‘s drathars leis an sanas ‘Gàidhlig: cha bhithinn às a h-aonais’ chan eil agad ach gliog air a’ phutain a dhèanamh. Tha e eadar amaideas 's beagan spors tha fhios agam ach bha e bog fluich taobh a-muigh. Cha robh an t-uisge ann an diugh ach cha robh mòran solas ann ‘s bha na lusanan ‘s a h-uile càil eile fliuch ‘s mar sin cha deach mi anns a’ ghàrradh eadhon gu bheil cruaidh fheum orm a bhith am broinn nan lusarnaich ‘s bu chòir dhomh na buntàta a phriogadh cuideachd. Ach air sgàth ’s gun robh e gruamach air an taobh eile den doras, dh' fhuirich mi aig an taigh ‘s cuir mi air a’ choimpiutair turas eile ‘s chluich mi le ‘Microsoft Publisher.’ Bu toil leam rudeigin diofraichte a dhèanamh le cuid den dealbhan a th’ agamsa ‘s seo rudeigin a thoisich mi. Chan eil mi cinnteach mu a dheidhinn ach sin e airson greasaig. Thèid mi a mach a-màireach, uisge ann no às.

Freagairtean:3

Aig 02:24 thuirt Blogger Cadalach...

Bùth ùr? A Thighearna! Chunnaic mi na bùthan seo gu tric, ach chan eil mi air rud sam bith a cheannach bhuat. Am faca tu na bathair fhathast? A bheil iad math? Cùm ort, co-dhiù ;-)

 
Aig 17:53 thuirt Blogger Graisg...

Chì mi an ath sheachdain, cheannaich mi fear aca air loidhne an diugh :-)

 
Aig 07:15 thuirt Blogger Cadalach...

Oops, tha mi duilich -- rinn mi mearachd os cionn. Atharraich "bhuat" --> "bhuapa". Doh!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh