Uill shìos aig an tràigh ‘s abair dathan lag geamhrachail air

Chaidh mi shìos dhan tràigh an-raoir airson a’ coimhead air a’ ghrian a’ dol fodha. Nas tràithe thuirt roimh-innse na sìde gum biodh e fuar ‘s cha chreid mi nach bi reothadh ann. Mus tèid mi dhan tràigh chòmhdaich mi mo chuid chourgettes. Cha robh coltas toilichte orra fhathast an diugh as dèidh an aimsir a bh’ againn. Nan chailleadh mi iad cuiridh sinn dragh mòr orm oir tha ‘s e glasraich gu math feumail a th’ann ‘s buannachaidh mìosan gu leòr bhuapa. Cha do nochd mo phònair-ruith fhathast, tha an talamh ro fhuar cuideachd. Tha a’ ghrian a’ deàrrsadh uaireannan ach nach e a’ fàs fuar fad na-oidhche agus ‘s e samhradh truagh a th’againn gus an ire seo co-dhiù.
Uill shìos aig an tràigh ‘s abair dathan lag geamhrachail air fàire ‘s bha mi taingeil gun do chuir mi romham m’ ad a chuir orm. Thog mi dealbh ‘s rinn mi greasad orm dhachaigh.

Freagairtean:3

Aig 23:14 thuirt Blogger mona...

aww, is truagh nach eil samhradh snog agaibh...! tha mi an dòchas gum fàs e nas fheàrr. is toigh leam coimhead air na flùraichean agus lusan mar a tha iad a' fàs... dè tha ann an ponairean ruith?

 
Aig 23:34 thuirt Blogger Graisg...

Feasgar math a Mhona, ‘s e Stangenbohnen a th’ annta no ‘Runner beans’ mar a chanas iad sa bheurla. Bhon àm a sgrìobh mi a’ phìos ud tha e air a bhith gu math grianach ‘s blàth ach feumaidh mi a ràdh gu bheil e sgòthach ‘s nas fhuaire a-nochd a rithist. Chunnaic mi feadhainn den Stangenbohen tighinn a-mach bhon talamh co-dhiù ‘s tha mi air mo dhòigh air sgàth sin: tha mi measail orra le buntàta pronn ach tha fhios agad bidh e fada mus biodh iad deiseil airson an truinnsear agam. Chuir mi às a’ mhòr chuid den luibhean a chuir dragh orm le taic bhon a’ ghrèine a bha gan tioramachadh. Bha mi an sàs annta gu dubh.

 
Aig 07:44 thuirt Blogger mona...

oh, stangenbohnen! :) glè mhath! is toigh leam iad. tha iad anns a' ghàrradh aig mo mhàthair cuideachd, agus mòran rud eile. nuair a bha mi fhathast a' fuireach còmhla rithe, bha sinn daonnan gu math trang leis na glaisrich as t-samhradh. no, gu tric, bha mise trang, agus bha mo mhàthair air saor-laithean, dìreach aig an àm nuair a bha a h-uile rud deiseil airson buain. agus cha robh an obair leis na pònair-ruith a' cordadh rium - tha iad ard, agus tha mise beag :)

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh